Là eachdraidheil aig Holyrood

Iain Swinney Image copyright PA
Image caption Foillsichidh Rùnaire an Ionmhais buidseat na h-Alba Diardaoin, 's e a' cur plana air adhart airson chìsean ùra a bhios a' bualadh air Albannaich a-mhàin.

Bidh là eachdraidheil aig Holyrood Diardaoin agus Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gu bhith a' foillseachadh chìsean ùra - a' chiad fheadhainn a chuireas Riaghaltas na h-Alba an sàs bho chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh às ùr.

Thig cìs ùr an àite cìs an stampa, agus bidh cìs ùr ann do chomhairlean is chompanaidhean a bhios a' cur sgudail dhan talamh.

Fàgaidh na cìsean ge-tà, nach fhaigh Riaghaltas na h-Alba uimhir de dh'airgead bho Westminster.

Bidh na dùbhlanaich cuideachd a' dèanamh mion-sgrùdaidh air na tha Mgr Swinney a' moladh, gu h-àraidh leis gun toir e buaidh air an t-Seirbheis Slàinte agus air Ùghdarrasan Ionadail.

Cìsean ùra

'S ann an ath-bhliadhna a gheibh Pàrlamaid na h-Alba cumhachdan ùra air cìsean agus innsidh Iain Swinney mar a chuireas e na cumhachdan ùra sin gu feum.

Fo aonta a chaidh a dhèanamh le Riaghaltas Westminster bho chionn dà bhliadhna, bidh an comas aig Mgr Swinney a-nis dà chis ùr a thogail - cìs air togalaichean a thig an àite cìs an stampa, agus cìs air sgudal a thèid a chur dhan talamh.

Tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheil e an dòchas gun tig eadar £500m agus £600m chun an Riaghaltais le bhith a' togail nan cìsean a tha seo.

Innsidh e Diardaoin dè an ìre aig am bi Cìs Mhalairt an Fhearainn 's nan Togalaichean, sin a' chis a thig an àite cìs an stampa.

Image copyright Getty Images
Image caption Thathar an dùil gur dòcha gun tig lùghdachadh air an ìre as ìsle de chìs a thathas a' pàigheadh air na togalaichean as saoire, 's gum bi ceangal nas dlùithe ann cuideachd eadar prìs an togalaich agus ìre na cìse.

Tha Mgr Swinney a' gealltainn saibhreas a sgaoileadh ann an dòigh nas cothromaiche, leis gun tèid a' chìs an-àirde mean-air-mhean, an àite a bhith a' leum mar a tha e an-dràsta bho 1% gu 3%.

Mar sin, thathar an dùil gur dòcha gun tig lùghdachadh air an ìre as ìsle de chìs a thathas a' pàigheadh air na togalaichean as saoire, 's gum bi ceangal nas dlùithe ann cuideachd eadar prìs an togalaich agus ìre na cìse.

Thuirt Mgr Swinnney gun robh an Riaghaltas ag iarraidh cìs a bhiodh a rèir comas dhaoine a phàigheadh.

Thèid cìs ùr cuideachd a chur air comhairlean 's air companaidhean a tha a' cur sgudail dhan talamh.

Airgead

Bidh seo a' ciallachadh cuideachd ge-tà, gum bi nas lugha de dh'airgead a' tighinn bho Westminster, ri linn nan cìsean ùra seo.

Image copyright PA
Image caption Ged a bhios cìsean ùra a' tighinn a-steach, cha bhi airgead a bharrachd aig Iain Swinney ri chosg.

On seo a-mach, nuair a tha Riaghaltas na h-Alba a' togail chìsean leotha fhèin, thig lùghdachadh dha rèir air na tha a' tighinn de dh'airgead bho Lunnainn.

Mar sin, ged a tha an Riaghaltas a' togail chìsean, chan eil e a' ciallachadh gum bi airgead a bharrachd aca airson a chosg.

A thuilleadh air an sin, tha Mgr Swinney ag ràdh gu bheil nas lugha de dh'airgead gu bhith aige bho Lunnainn, 's e ag ràdh gu bheil am buidseat a tha e a' faighinn ga ghearradh, a dh'aindeoin 's gu bheil barrachd dhaoine ann an Alba a-nis ann an cosnadh.

Thuirt e gu bheil Lunnainn air gearradh de 10% thairis air còig bliadhna a chur an sàs anns an airgead a tha e a' faighinn, agus gearraidhean de chòrr is 25% ann an airgead calpa.

Mar thoradh air an sin, ged a bhios cìsean ùra a' tighinn a-steach, cha bhi airgead a bharrachd aige ri chosg.

Sùil gheur

Ged a tha Iain Swinney air a ràdh gur e buidseat eachdraidheil a bhios ann, bidh na dùbhlanaich a' cumail sùil gu math geur air a phlanaichean airson na seirbheis slàinte agus comhairlean ionadail.

Tha na dùbhlanaich air càineadh a dhèanamh air mar a tha e air làimhseachadh chùisean ionmhais na dùthcha gu ruige seo, agus na roghainnean a tha e air a dhèanamh.

Tha iadsan a' cumail a-mach gu bheil leithid cholaistean agus oilthighean air fulang ri linn nan gearraidhean a rinn esan air an airgead a tha a' dol thucasan.

Thathar cuideachd mì-thoilichte gu bheil nas lugha de dh'airgead a' dol chun nan ùghdarrasan ionadail, ach gu bheil Mgr Swinney a' sùileachadh barrachd is barrachd bhuapa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile