Togail do ghnìomhachas a' Chlò Mhòir

Tha Muileann Chlò MhicChoinnich ann an Steòrnabhagh air an àireamh de luchd-obrach a th' aca a dhùblachadh thairis air a' bhliadhna a dh'fhalbh, agus tha iad ag ràdh gu bheil an obair aca air a dhol am meud a dhà uimhir no a trì uimhir.

Tha còrr air fichead neach-obrach aca a-nis.

Cuideachd, tha iad an dùil gum fuirich iad cho trang sa tha iad an-dràsta chun t-samhradh an ath-bhliadhna.

'S e Muileann MhicChoinnich an tè as motha dhe na trì muilnean clò a th' ann an Leòdhas.

Thuirt manaidsear na muilne, Ailig Lockerbie, gu bheil e dòchasach mun àm ri teachd.

Bha e ag ràdh gur e companaidhean à Breatainn bu mhotha a bha a' ceannach bhuapa, ach gun robh a' margaid ann an Iapan làidir cuideachd.