Teagamh mu àrd-sgoil Lionail
- Air fhoillseachadh

Tha teagamh ùr air nochdadh mu na tha an dàn do dh'àrd-sgoil dà bhliadhna Lionail ann an Nis.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh a-rithist a dùnadh, 's àireamh nan sgoilearan a' tuiteam.
B' i an aon àrd-sgoil dà bhliadhna a dh'fhan fosgailte sna h-Eileanan, nuair a chaidh grunn eile a dhùnadh bho chionn ghoirid.
Thathas a' moladh a dùnadh an ath-bhliadhna, ach tha cuid de phàrantan nach eil idir toilichte.
Astar Mòr
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na h-àireamhan a-nis cho beag - le dìreach ochdnar thairis air an dà bhliadhna - 's nach eil e comasach foghlam ceart is coileanta a thoirt seachad.
Thuirt a' Chomhairle gun do bheachdaich iad air diofar mholaidhean, nam measg an sgoil a dhùnadh airson ùine bhig a dh'fhaicinn an tigeadh piseach air àireamhan.
Ach thàinig iad dhan cho-dhùnadh gur e an rud as fheàrr aonadh S1 is S2 a dhùnadh gu tur bhon Ògmhios an ath-bhliadhna.
Dheadh na sgoilearan gu lèir a dh'Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh aon uair 's gum bi iad deiseil den bhun-sgoil.
Tha dùil gun cuir pàrantan iomairt air dòigh a-rithist airson cùisean a chumail mar a tha iad.
Thuirt aon phàrant nach robh e idir a' creidsinn gur ann mu dheidhinn foghlam na cloinne a bha a' chùis, ach na dhòigh air airgead a shàbhaladh don Chomhairle.
Tha na pàrantan cuideachd a' dèanamh na h-argamaid gu bheil astar mòr ann an suas ri 30 mìle airson cloinne cho òg a bhith a' siubhail chun na sgoile gach là, agus air ais.
A thuilleadh air sin, tha iad ag ràdh gu bheil na h-àireamhan anns a' bhun-sgoil ann an Lionail a' coimhead gu math dòchasach airson an ama ri teachd.
Thèid coinneamh phoblach a chumail anns an sgoil oidhche Mhàirt seo tighinn, 30mh na Sultaine, aig 7:30f, far an cluinnear beachdan nam pàrantan.
Bidh riochdairean an làthair bhon Chomhairle airson am pròiseas a mhìneachadh.
Tha an co-chomhairleachadh poblach oifigeil a' ruith gu toiseach an Damhair, agus faodar sgrìobhadh chun na Comhairle mu dheidhinn seo suas chun an ama sin.
Tha dùil ri co-dhùnadh toiseach na h-ath-bhliadhna.