Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Stàit Ioslamach

Tha Pàrlamaid Westminster a' deasbad an tèid itealain chogaidh Bhreatannach an sàs anns na h-ionnsaighean air feachdan na Stàite Ioslamaich ann an Iorac. Bidh bhòt ann feasgar. Tha sia itealain Tornado le Feachd an Adhair deiseil ma bheir a' Phàrlamaid cead dhaibh. Tha a' cho-bhanntachd riaghlaidh eadar na Tòraidhean 's na Lib-Deamaich, agus na Làbaraich, a' cur taic ris a' mholadh. Thuirt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gum feum Breatainn a bhith deiseil airson iomairt a mhaireas fad bhliadhnaichean.

Daoine an grèim

Chuir Poilis a tha ri rannsachadh ceannairc dithis dhaoine an grèim air rathad an M6 faisg air Rugby ann an Warwickshire an-diugh, mar phàirt de dh'iomairt an aghaidh ceannairc Ioslamaich. Tha naoinear eile fhathast an grèim ann an Lunnainn, an dèidh an cur an grèim an-dè.

Muhammed Asghar

Tha teaghlach duine à Dùn Èideann air an deach losgadh le gunna 's a leòn ann am prìosan ann am Pagastan an-dè ag iarraidh air a' Phrìomhaire Daibhidh Camshron cuideachadh a thoirt dhaibh. Tha an teaghlach ag ràdh gu bheil Muhammed Asghar, a tha fo bhinn a chur gu bàs ann am Pagasatan airson a bhith ri toibheam, ag ràdh gu bheil e tinn 's a' fulang gu dona le paranoid schizophrenia.

Poilis Armaichte

Tha ceannardan Chomhairlean na h-Alba a' coinneachadh an-diugh a dheasbad poilis armaichte a bhith a' giùlain ghunnaichean gu cunbhallach. Tha Poilis na h-Alba air a bhith a' ceadachadh do chuid de dh'oifigearan armaichte a bhith an sàs ann an obair àbhaisteach nam Poileas. Tha sin air a bhith connspaideach ann an cuid de sgirean, agus tha caidreachas nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, a' beachdachadh air a' chùis an-diugh.

Àrd-sgoil Lionail

Tha ceistean as ùr ann mu Àrd-sgoil dà bhliadhna Lionail ann an Nis, an Leòdhas, is Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh a dùnadh. 'S i an aon àrd-sgoil dà bhliadhna a th' air fhàgail anns na h-Eileanan, ach tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil àireamh nan sgoilearan a' sìor-thuiteam. Tha iad airson a dùnadh an ath-bhliadhna, ach tha cuid de phàrantan nach eil idir toilichte.

Foghlam Gàidhlig

Dh'aidich Ministear na Gàidhlig gur e cion luchd-teagaisg an trioblaid as motha a th' aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bha Alasdair Allan a' bruidhinn agus Comhairle Baile Ghlaschu nam freagairt do cho-chomhairleachadh riaghaltais ag ràdh gum faodadh trioblaid a bhith ann le lagh a bheireadh còir dhan a h-uile leanabh air foghlam Gàidhlig mura bi tidsearan gu leòr ann mu choinneimh sin.