Norovirus an Ospadal an Rathaig Mhòir
- Air fhoillseachadh

'S e seo an dàrna turas a tha Norovirus air buaidh a thoirt air ospadal an Rathaig Mhòir am-bliadhna.
Chaidh uard 2A aig ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh 's an tinneas Norovirus a' sgapadh ann às ùr.
Tha an tinneas air buaidh a thoirt air ochdnar euslainteach.
Tha seachdnar dhuibh air a bheil comharran an tinneis, agus tha e air a dhearbhadh ann an aon euslainteach eile
'S e seo an dàrna turas a tha Norovirus air buaidh a thoirt air ospadal an Rathaig Mhòir am-bliadhna.
Chaidh uard 6C a dhùnadh anns an Òg-Mhìos ri linn an tinneis.
Thuirt an Dtr Jonty Mills bho NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag iarraidh air luchd-tadhail gun tighinn chun ospadail ma tha comharran an tinneis air a bhith orra san dà là ro-làimh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh