Strì ùr mu Sgoil Lionail
- Air fhoillseachadh

Tha pàrantan a tha airson Àrd-sgoil dà bhliadhna Lionail an Leòdhas a chumail fosgailte a' gealltainn gun dèan iad strì às ùr 'son a glèidheadh.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh a dùnadh a-rithist is iad ag ràdh gu bheil an àireamh de sgoilearan air tuiteam gu mòr.
Dh'innis a' Chomhairle nach eil ach ochd sgoilear san àrd-sgoil a-nise.
Thuirt iad cuideachd gu bheil an àireamh sin cho beag is nach eil e comasach foghlam ceart is coileanta a thoirt seachad.
'S e Lionail an àrd-sgoil dà bhliadhna mu dheireadh a tha air fhàgail anns na h-Eileanan an Iar.
Bhòt
Chan eil ach dà bhliadhna bho bhòt comhairlichean airson a glèidheadh.
Rinn pàrantan strì an uair sin gus an àrd-sgoil a shàbhaladh is tha iad a' gealltainn a dhol air an casan a-rithist.
Cruinnichidh iad aig coinneamh phoblach san sgìre Dimàirt.
"Tha sinn gu math duilich gu bheil iad a' feuchainn ri seo a dhèanamh - 's e seo an tritheamh trup aca a' feuchainn", thuirt tè de na pàrantan, Màiri Mhoireach.
"Tha sinn ag iarraidh an sgoil a chumail fosgailte aig ìre aon agus a dhà mar a tha e an-dràsta.
"Tòrr nas motha"
"Tha an àireamh beag an-dràsta ach tha clas tòrr nas motha a' tighinn an-àird an ath-bhliadhna agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-àireamhan nas fhallaine tron sgoil", thuirt i.
Chaidh a' Bh.Ph. Mhoireach às aicheadh nach eil am foghlam a tha thathas a' toirt seachad san sgoil aig ìre.
"Tha sinne a' smaoineachadh gu bheil iad a' faighinn foghlam a cheart cho math 's tha iad a' faighinn ann an Sgoil MhicNeacail.
"Chan eil ach timcheall air cola-deug bho fhuair sinn fiosrachadh bhon sgoil a dh'innse dhuinn gu bheil a' chlann a chaidh a-nall an-uiridh, an fheadhainn a th' aig ìre trì an-dràsta, gu bheil iad a' dèanamh a cheart cho math ris a' chlann a bha ann an Sgoil MhicNeacail aig bliadhna aon agus a dhà. Tha Sgoil MhicNeacail air sin innse dhuinn".
Thuirt i gu bheil na pàrantan cinnteach às gur e adhbhar airgid a tha air cùl moladh na Comhairle.
Coinneamh
Tha iad ag iarraidh air nas urrainn do dhaoine tighinn gu coinneamh mun ghnothach oidhche Mhàirt.
"Tha mi an dòchas gun tig a h-uile duine dhan choinneimh agus gun toir iad seachad am beachdan", thuirt Màiri Mhoireach.
"Duine sam bith aig a bheil clann san sgoil agus duine sam bith aig nach eil clann san sgoil - a h-uile duine as urrainn anns a' choimhearsnachd agus aig a bheil buntanas ri Nis, gun sgrìobh iad gu Àrd-Oifigear na Comhairle, a ghearan mun rud a tha iad a' feuchainn ri dhèanamh.
"Tha mi a' smaoineachadh, 's dòcha, ma bhios a h-uile duine còmhla, gum faigh sinn air a cumail fosgailte", thuirt i.
Bidh a' choinneamh phoblach anns an sgoil oidhche Mhàirt (30/09) aig 7:30f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 26 An t-Sultain 2014
- 22 An t-Ògmhios 2012