Dachaigh ùr do Bhuidheann Horsiadair

Crann
Image caption Tha buannachdan a' tighinn do Choimhearsnachd Horsiadair bho airgead na gaoithe.

Tha Buidheann Leasachaidh Coimhearsnachd Horsiadair ann an Leòdhas air dachaigh ùr fhaighinn is iad air taigh-òsta san sgìre a cheannach.

Cheannaich iad an Inn Between ann an Siabost ann an rup.

Bha an togalach roimhe air a' mhargaidh 'son £180,000.

Thèid oifisean agus garaidsean a stèidheachadh san togalach is cha bhi e na thaigh-òsta tuilleadh.

Chaidh Buidheann Leasachaidh Coimhearsnachd Horsiadair a stèidheachadh ann an 2005 gus tuath-gaoithe na sgìre a stiùireadh.

Tha oifis aca ann an seann Sgoil Shiaboist ach tha e coltach gu bheil iad a-nise trang gu leòr 's gu bheil feum aca air àite nas motha.

Gheibh a' Bhuidheann Leasachaidh bus ùr trath an ath-bhliadhna is bidh e stèidhichte aig an togalach.

Thuirt iad gur e àite-cruinneachaidh dhan choimhearsnachd a bhios ann cuideachd

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile