Siostam Uisge Uibhist ga leasachadh
- Air fhoillseachadh
Thèid £3.5b a chosg air siostam an uisge ann an Alba.
Bidh Uibhist a Deas am measg àiteachan a gheibh buannachd à leasachadh mòr air siostam an uisge ann an Alba.
Cosgaidh Uisge na h-Alba £3.5b air an lìonra aca air feadh na dùtcha.
Mairidh a' phròiseict bho 2015 gu 2021 is bidh 5,000 obraichean na cois.
Piseach
Thèid £6.8m a chosg air ionad uisge Uibhist a Deas gus piseach a thoirt air an uisge a tha daoine ag òl.
Cuiridh Riaghaltas na h-Alba iasad de £720m a-steach dhan phròiseict.
Thuirt an Riaghaltas cuideachd gun tèid cìsean uisge a chumail fo ìre na h-atmhorachd.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh