Cead ga dhiùltadh do sgeama Loch Mhùideart
- Air fhoillseachadh
Tuathanas-eisir ga dhiùltadh
Chaidh cead a dhiùltadh do fhear de na tuathanasan-eisir as motha an Alba a thogail ann an Loch Abar.
Bha a' chompanaidh Measan na Mara airson leasachadh a dhèanamh air an tuath a th' ann ann Loch Mhùideart mar-thà.
Dh'iarr iad cead gus 16,4000 frèim a chur air bruaichean an locha far am biodh iad ag arach 275 tunna de dh'eisirean.
Bha Comhairle Coimhearsnachd Àth Tharracail am measg na bha a' cur an aghaidh nam planaichean is iad a' cumail a-mach gun robh meud an leasachaidh ro mhòr dhan sgìre.
Thuirt comhairlichean ionadail gun toireadh a' phròiseict droch bhuaidh air seallaidhean agus turasachd san sgìre.
Ged a bha oifigich air moladh cead a thoirt seachad, chaidh na planaichean a dhiùltadh le Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas.
Thuirt Measan na Mara gun dèan iad ath-thagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 An t-Sultain 2014