Cuimhneachan ùr do thubaist Beinn Lì
- Air fhoillseachadh

Chaidh cuimhneachan as ùr fhoillseachadh oidhche Luain airson an deichnear shaighdearan Aimeireaganach a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh an t-itealan cogaidh aca a dhìth ann an Uibhist a Tuath aig àm an Dàrna Cogaidh.
Ged a tha cuimhneachan aig an làraich fhèin, chaidh am fear ùr seo a chur aig carragh cuimhne a' chogaidh aig a' Chlachan, far am bi e furasta do dhaoine fhaicinn.
Air 15mh an t-Sultain 1943, bhual am plèana - Bomair Liberator - ann am Beinn Lì a Tuath, ann an Loch nam Madadh, a' marbhadh a h-uile duine a bh' air bòrd.
Bha i air a slighe a dhèanamh às Aimeireaga còmhla ri buidhinn de dh'itealain, gu ruige Breatainn.
Ceò trom
Ach nuair a dh'èirich trioblaid leis a' phlèana, chaidh i air tìr ann an Innis Tìle airson obair-càraidh, mus do rinn i air Alba.
"Bha ceò trom trom ann. Chan eil cuimhne agam an cuala sinn plèana a' tighinn, no dè, ach chuala sinn, mar gum biodh, turtar," thuirt Alasdair 'Alda' Fearghasdan, a bha na ghille òg aig an àm.
"An uair sin bha a' bheinn, bha teine ann. Chanainn-sa a' coimhead air gur e falaisgear a bh' ann."
Thòisich trioblaidean nuair a ràinig iad na h-Eileanan.
"Nuair a thàinig iad os cionn Beinn nam Fadhla, dh'fheuch iad ri sin a chleachdadh mar chomharra iùil," thuirt Seonaidh Dòmhnallach, bho Chomhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath, a bha an sàs san iomairt airson cuimhneachain ùir.
"Agus nuair a lean iad orra a' sgèith sìos a' chosta, bha iad den bheachd gun robh iad àrd gu leòr airson a dhol seachad air Beinn Lì.
"Ach cha robh an obair-càraidh air a dèanamh ceart, agus bhual iad ann am Beinn Lì, 's chaidh an deichnear gu lèir a bh' air bòrd a mharbhadh."
Chaidh cuimhneachan a chur air Beinn Lì fhèin o chionn bhliadhnaichean, far an do thachair an tubaist.
Air a' chuimhneachan ùr, leughar sgeul na thachair gun a bhith a' dìreadh na beinne.
"Clann òg sna sgoiltean, faodaidh iad a dhol ann 's coimhead air seo 's bidh fhios aca dè thachair," thuirt Mairead Saxton, a tha cuideachd air a' Chomhairle Choimhearsnachd.
"Agus bidh daoine a-niste, bidh fhios aca dè thachair, agus cumaidh iad sa chuimhne aca mar a thachair ann am Beinn Lì."
Chaidh muinntir an àite a-mach a dhèanamh cobhair air na saighdearanm, ged a bha suidheachadh cunnartach romhpa.
Chuala Alasdair 'Alda' bho athair mu na thachair.
"Chuala mi m' athair ag ràdh, nuair a chaidh iad a-mach, muinntir an Home Guard a bha sin, nach fhaigheadh iad faisg air a' phlèana airson treis, airson na bha de dh'ammunition is gnothaichean a' falbh."
Còmhla ri ainmean nan saighdearan, agus am fiosrachadh eile mun tubaist, thathas ag aithneachadh na rinn muinntir Loch nam Madadh air a' chuimhneachan ùr.
"Chaidh muinntir an àite aig an àm a bha sin, suas a' bheinn, ag aithneachadh gun robh teine caran mòr ann, gun fhios dè lorgadh iad," thuirt Seonaidh Dòmhnallach.
"Saoilidh mi, chan e a-mhàin an deichnear a dh'fheumar cuimhneachadh, ach na rinn muinntir Uibhist, feumar sin a chuimhneachadh cuideachd."
Chaidh an cuimhneachan fhoillseachadh le grunn chloinn-sgoile, sluagh mòr, agus triùir bho Fheachd Rìoghail an Adhair an làthair.