Plèanaichean ùra a' tighinn

Plèana air an Tràigh Mhòir
Image caption Bha dragh ann nach gabhadh plèana a lorg a bhiodh comasach air laighe air an Tràigh Mhòir.

Tha cùmhnant airson dà phlèana Twin Otter a chumas seirbheis adhair ri Tiriodh, Ceann Loch Chille Chiarain agus Barraigh air a dhol gu companaidh à Canada.

Gabhaidh am plèana ùr 19 duine, agus nì seo cinnteach gun gabh seirbheis a chumail a' dol airson iomadach bliadhna ri teachd.

Tha ceist ann a-nise an gabhadh seirbheis a bhith ann nas tric, agus barrachd luchd-siubhail a thàladh.

Chaidh tòiseachadh a' beachdachadh air plèanaichean ùra airson na seirbheis, deireadh na linne a chaidh seachad.

Bha eagal ann an uair sin nach gabhadh plèana a lorg a dheadh an àite an fheadhainn a th' ann an-dràsta, a bha a' ruighinn deireadh am beatha.

Bha dùil aig aon iìre gum feumte raon-laighe a thogail o chionn 's nach biodh plèanaichean ann a laigheadh air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh.

A-nise tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gu bheil iad air aontachadh dhà a cheannach bho Viking Air Eta. à Canada, ach chan innseadh iad na chosg na plèanaichean.

Chaidh feadhainn den aon sheòrsa a reic ri dùthchannan eile air chosgais £4.3m gach plèana.

Tha dùil gun tig na plèanaichean ùra sa Chèitean seo tighinn.

Thèid na seirbheisean fhathast a chur a-mach gu tairgse, ged is ann leis an Riaghaltas a bhios na plèanaichean.

Thuirt an Riaghaltas gun cuireadh seo dìon air seirbheisean dha na sgìrean is iomallaiche an Alba.

Thuirt comhairliche na sgìre, Dòmhnall Manford, gur e deagh naidheachd a bh' ann, ach gum biodh esan a' coimhead a-nise an gabhadh an t-seirbheis a leudachadh gu dà thuras gach taobh anns an là.