Cridhe an luchd-taisteil

Cridhe an luchd-taisteil Image copyright PAtrick pollock
Image caption Chaidh feansa cheart a chur timcheall air a' chridhe ann an 2013.

Thèid beachd Alba Aosmhor iarraidh air dè an dìon a bu chòir a dhol air cridhe cloiche ann an Comhghall a tha cudromach ann an cultar luchd-taisteil na h-Alba agus do mhuinntir an àite.

'S ann an achadh ri taobh an A815 a tha an cridhe - an Tinkers' Heart mar a th' air sa Bheurla - is e air a dhèanamh le clachan gealla quartz.

Thathas a' smaointinn gun deach a chur ann san 18mh linn.

Bha e na chleachdadh aig luchd-taisteil agus aig cuid às an sgìre fhèin pòsadh aig an làraich.

Ropach

Fad iomadh bliadhna bha dragh ann nach robh an cridhe air a dhìon mar a bu chòir idir is gun ach feansa car ropach timcheall air.

Ann an 2013 chuir buidheann choimhearsnachd sa Chàrn Dubh, Here We Are, feansa cheart timcheall air agus bòrd-fiosrachaidh aig a' gheata ri taobh an rathaid mhòir.

Tha cuideachd fiosrachadh aca mun chridhe aig an ionad aca aig ceann Loch Fìne.

Thàinig airgead bho Here We Are fhèin agus bho Urras Tuath-Gaoithe a' Chlachain.

Dìon

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Àdhamh Ó Broin a tha eòlach air eachdraidh na sgìre.

Chuir boireannach Jess Smith ath-chuinge gu ruige Holyrood is i airson dìon a bharrachd a chur air a' chridhe.

San ath-chuinge aice, thuirt i gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba iarraidh air Alba Aosmhor rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh an cridhe a dhìon agus a ghlèidheadh.

Thuirt i gur e dòigh a bhiodh ann urram agus spèis a shealltainn do chultar an luchd-taisteil ann an Alba.

Chuir 1,180 duine an ainm ris an ath-chuinge.

Aithne

Thàinig taic bho BhPA na sgìre, Mìchael Russell, a thuirt ris a' Chomataidh gum biodh e ceart is cothromach aithne a thoirt air na chuir luchd-taisteil na h-Alba ri cultar na dùthcha anns na làithean a chaidh seachad.

Dh'innis e gur e seo an aon rud de a leithid a tha air fhàgail ann an Alba.

A rèir Mhgr Russell, bu chòir Alba Aosmhor aithne oifigeil a thoirt air a' chridhe le gealltanas gun tèid a ghlèidheadh is àiteachan-pàrcaidh is fiosrachadh a bharrachd aig an làraich.

Dh'aontaich Comataidh nan ath-chuingean an gnothach a thoirt air adhart is iarraidh iad a-nise stiùireadh bho Alba Aosmhor air dè bu chòir dhaibh dèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile