Teine mòr sa Chorpaich

  • Air fhoillseachadh
TeineTùs an deilbh, SFRS
Fo-thiotal an deilbh,
Thòisich an teine ann an inneal anns an robh na ceudan tonnaichean de dh'fhiodh ghiollaichte.

Chaidh aig luchd-smàlaidh air smachd a chur air teine ann am fear de na gàraidhean fiodha as motha anns an Roinn Eòrpa.

Chaidh fios air na seirbheisean-èiginn tràth Dimàirt gun robh teine air tòiseachadh aig ionad mòr fiodha BSW Timber sa Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan.

Thòisich an teine ann an inneal anns an robh na ceudan tonnaichean de dh'fhiodh a bh' air a ghiollachd.

Rinn luchd-smàlaidh an gnothach air an teine a chumail gun sgapadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh