Seachdain a' bhrath-sgrìobhte

Caman
Image caption 'S e pinn seach camain a bha trang air an deireadh-sheachdain.

Cha b'e an deireadh-seachdain a b'fheàrr a bh' aig Comann na Camanachd a-riamh.

Bha dùil ri dà gheama air leth is Camanachd an Òbain is an Gearasdan gus coinneachadh aig Pàirc Mossfield 'son co-dhùnadh cò rachadh suas bhon Lìog Nàiseanta dhan Phrìomh Lìog.

Shuas an rathad ann an Druim na Drochaid, bha Camanachd an Eilein Sgitheanaich is Baile a' Chaolais gus farpais 'son àite san Lìog Nàiseanta.

Thòisich cùisean a' dol ceàrr a thaobh sin an toiseach le brath-sgrìobhte bho Bhaile a' Chaolais ag innse nach cluicheadh iad sa gheama.

Bha liosta de ghearanan aca, cuid nas reusanta na cuid eile.

Chanadh cuid gum biodh e doirbh co-fhaireachdainn a shealltainn dhaibh is iad a' tarraing a-mach à geama dìreach dà là mus robh còir aige a bhith ann, agus gu dearbh gearan gun robh cluicheadaran gu bhith aig Cupa Ryder no gun robh iad dèonach a-mhàin geama lìge a chluich aig an taigh Disathairne

Suas

Co-dhuibh, 'son treis aig deireadh na seachdain bha coltas ann gun robh na Sgitheanaich a' dol suas gun geama-dearbhaidh a chluich idir.

Thàinig e am bàrr an uair sin, ge-tà, gun robh riaghailtean Chomann na Camanachd gu dearbh a' sealltainn gun robh Baile a' Chaolais ceart air aona phuing glè chudromach - gun robh feum aig gach sgioba na geamaichean lìge aca a chrìochnachadh mus chluicheadh iad geama-dearbhaidh.

Dh'aidich an Comann gun robh iad air mearachd a dhèanamh is chaidh an geama a stèidheachadh às ùr 'son an 1mh den t-Samhain.

Ma bha Comann na Camanachd a' smaointinn gun robh a' chonnspaid air an cùlaibh le sin, bha iad ceàrr.

Trath san darna leth san Òban, bha sgioba a' bhaile 1-0 air thoiseach air a' Ghearasdan agus àite sa Phrìomh Lìog san amharc aca.

Dh'fhuiling an uair sin an rèitear, Raibeart Baxter, buille is cha b'urrainn dha cumail a' dol. Gu fortanach, tha Mgr Baxter a-nise ceart gu leòr.

Còmhraidhean

Chuir an dà sgioba leth uair a thìde seachad a' feitheamh air a' phàirc is còmhraidhean fòn a' dol le Comann na Camanachd.

Ged a bha rèitearan eile an làthair is co-dhuibh aonan dhuibh deònach an geama a ghabhail os làimh, cha b'urrainn dhan dà chluba is an Comann uile tighinn gu aonta is cha deach an geama a chrìochnachadh.

Ann am brath-sgrìobhte às dèidh làimhe, thuirt an Gearasdan gun robh an gnothach air a bhith a' dol air adhart leth uair a thìde mar thà an uair a thàinig rèitear eile air adhart is gun robh feum air co-dhùnadh, is gur e sin a dh'fhàg nach robh iad airson an geama a chrìochnachadh.

Tha e coltach nach do chòrd an co-dhùnadh ri gu leòr san Òban.

Ann am brath-sgrìobhte às dèidh làimhe, thuirt Comann na Camanachd gun tèid là ùr son an geama a stèidheachadh an ceartuair is iomagain air a' Ghearasdan gur ann an 1mh den t-Samhainn a bhios e, là a bhios iad as aonais chuid de na cluicheadaran aca.

As bith dè thachras, bithear an dòchas gun tèid an dà gheama air adhart a-nise mar bu chòir gun chron a bharrachd air clìu na spòrs - is gun adhbhar aig duine eile brath-sgrìobhte a chur a-mach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile