Iomairt Lìonail gus leantainn
- Air fhoillseachadh
Iomairt Lìonail gus leantainn
Gheall pàrantan a tha airson Àrd-sgoil dà bhliadhna Lìonail ann an Leòdhas a chumail fosgailte gun lean an t-strì aca.
Chruinnich muinntir na sgìre aig coinneimh phoblaich san sgoil oidhche Mhàirt is Comhairle nan Eilean Siar air innse gu bheil iad airson an sgoil a dhùnadh an ath-bhliadhna.
A rèir na Comhairle, tha àireamh nan sgoilear a' sìor-thuiteam is gun ach ochdnar sgoilear innte.
Tha iad a' cumail a-mach le àireamh cho beag de sgoilearan nach eil e comasach foghlam ceart is coileanta a thoirt seachad.
Bhòt
'S e Lionail an àrd-sgoil dà bhliadhna mu dheireadh a tha air fhàgail anns na h-Eileanan an Iar is comhairlichean air bhòtadh bho chionn dà bhliadhna airson a glèidheadh.
Màiri Mhoireach a' bruidhinn às dèidh na coinneimh.
A rèir Màiri Mhoirich, a tha na pàrant aig an sgoil, bha faireachainn làidir aig a' choinneimh oidhche Mhàirt gum bu chòir strì a dhèanamh gus an àrd-sgoil a chumail fosgailte.
"Bha a h-uile duine, chanainn-sa, a bha am broinn na talla airson Sgoil Lionail a chumail fosgailte. Dh'fhalbh am panal à Nis gun teagamh sam bith dè mar a tha na daoine a' faireachdainn.
"S e coinneamh mhath a bh' ann, chanainn-sa, cha robh feagal air duine bruidhinn a-mach is bhruidhinn a h-uile duine a-mach airson an sgoil a chumail fosgailte," thuirt i.
Clasaichean beaga
Nochd cuid de na sgoilearan fhèin aig a' choinneimh is iad ag ràdh gu bheil na clasaichean beaga aig Àrd-sgoil dà bhliadhna Lìonail a' còrdadh riutha agus gu bheil cho faisg 's a tha an sgoil air an dachaigh na bhuannachd dhaibh.
Tha beagan is mìos aig pàrantan a-nise beachdan mun chùis a chruinneachadh.
"Feumaidh sinn a h-uile càil a th' againne a chur a-steach ron 7mh den t-Samhain. Feumaidh sinn feuchainn na 's urrainn dhuinn fhaighinn anns a' choimhearsnachd agus duine sam bith a bhuineas dhan choimhearsnachd," thuirt a' Bh.Ph. Mhoireach.
"Chan eil sinn a' dol a leigeil seo seachad gun sabaid idir," thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2014
- Air fhoillseachadh30 An t-Sultain 2014