Atharrachadh am poileasaidh ghunna

  • Air fhoillseachadh
PoilisTùs an deilbh, Poilis na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Tha am poileasaidh air a bhith connspaideach bho thùs.

Tha Poilis na h-Alba air a' phoileasaidh chonnspaideach aca a thaobh oifigearan armaichte atharrachadh.

Nochd mì-thoileachas an uair a thàinig e am bàrr gun robh oifigearan armaichte a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach bho chaidh am feachd nàiseanta a stèidheachadh ann an 2013.

Gu traidiseanta, bha gunnaichean fo ghlais ann an carbadan armaichte.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd am measg na thog an guth an aghaidh a' phoileasaidh is iad ag ràdh nach robh e iomchaidh dhan sgìre idir.

Cunnart

A-nise, tha Poilis na h-Alba air leigeil fhaicinn nach tèid oifigearan armaichte a chur ach gu suidheachaidhean le gunnaichean no far a bheil beatha ann an cunnart.

Thuirt na Poilis ge-tà, gun lean an t-òrdugh-seasaimh a tha a' leigeil le oifigearan gunnaichean-làimhe is taser a ghiùlain.

Chaidh an t-òrdugh sin a stèidheachadh sa Ghiblean 2013 nuair a chaidh am feachd nàiseanta a stèidheachadh.

Thuirt Àrd-Chonnstabal Poilis na h-Alba, Sir Steafan House, gun tèid an t-òrdugh-seasaimh a ghlèidheadh ach gu bheil stiùireadh ùr ann air mar a tha oifigearan armaichte gan cleachdadh às dèidh dha na Poilis èisteachd ri draghan bho luchd-poileataigs agus bhon t-sluagh.

BPA

'S e am BPA neo-eisimileach Gàidhealach, Iain Finnie, a bha e fhèin na oifigear poilis, a thog an gnothach an toiseach.

Thuirt e gur e faochadh a th' ann dha gun deach am poileasaidh atharrachadh is nach bi oifigearan armaichte a-nise a' dèiligeadh ri gnothaichean àbhaisteach nam Poileas air na sràidean.

Tha na Poilis cuideachd air buidheann-sgrùdaidh a stèidheachadh gus coimhead air mar a tha gunnaichean-làimhe is taser gan giùlain, is mar tha oifigearan armaichte gan cur gu feum an uair nach eil iad aig suidheachaidhean armaichte.

Thig aithisg bhon bhuidhinn aig toiseach 2015.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh