GDF Suez air tarraing a-mach
- Air fhoillseachadh

Tha companaidh Fhrangach a bha airson tuath-gaoithe mòr a thogail ann an Ceann a Deas nan Loch an Leòdhas air tarraing a-mach às a' phròiseict.
Thuirt GDF Suez gur e a' mhì-chinnt mu chàball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr-Mòr a bu choireach.
B' e an t-uachdaran, Nick Oppenheim, a chuir am plana 'son tuath-gaoithe air adhart anns a' chiad dol a-mach.
Ged a chaidh dàil air a' ghnothach, thug Riaghaltas na h-Alba cead-dealbhachaidh seachad ann an 2010 'son 39 crainn.
B' e an leasachadh as motha de a leithid a bha san amharc anns na h-Eileanan an Iar.
Cheannaich GDF Suez a' chompanaidh, Companaidh na Beinne Mòire, ann an 2012.
Searbh
Cha b' urrainn dhan phròiseict a dhol air adhart ge-tà, gun cheangal ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr, is le còmhraidhean fhathast a' dol air adhart - is coltas ann nach eil fuasgladh idir air fàire - tha e coltach gu bheil GDF Suez air fàs seachd searbh sgìth.
Tha an co-dhùnadh a' cur ceist mhòir eile mu choinneimh a' chàbaill oir bha Companaidh na Beinne Mòire am measg na bha a' gealltainn airgead a chur ri cosgais a' cheangail, còrr 's £700m.
'S e buile mòr a th' ann cuideachd dhan choimhearnsachd ann an Ceann a Deas nan Loch, a bha an dùil buannachd airgid fhaighinn bhon leasachadh.
Chaidh a' bhuidheann Urrras Mhuaitheabhail a stèidheachadh gus co-dhùnadh mar a rachadh airgead às an tuath-ghaoithe a chosg sa choimhearsnachd.
Tha iad air airgead fhaighinn mar-thà, is bidh iad an dòchas gu bheil còir aca air tuilleadh, a dh'aindeoin is nach eil GDF Suez a' leantainn orra leis an leasachadh.
Coinnichidh riochdairean an Urrrais ri GDF Suez oidhche Ardaoin.
Briseadh-dùil
Thuirt Cathraiche an Urrais, Iain MacÌomhair, gur e briseadh-dùil mòr a th' ann.
"Bha iad glè fhaisg air tòiseachadh air an leasachadh bliadhna air ais, bha iad deiseil airson tòiseachadh air na rathaidean an uair a chaidh stad a chur air, agus 's e an adhbhar tha sinn a' tuigs', a' mhì-chinnt mun chàball - cuin a thigeadh e is dè bha e a' dol a chosg," thuirt e.
Thuirt Mgr MacÌomhair gur ann aig ìre glè thràth a tha an gnothach is gum bi beachd nas fheàrr aca air planaichean na companaidh - is mar a tha iad an dùil dèiligeadh ri Urrras Mhuaitheabhail- às dèidh na coinneimh.
Tha e coltach gu bheil companaidhean ann a dh'fhaodadh a' phròìseict a ghabhail os làimh ach gum biodh sin a' crochadh gu tur air càball mara.
A rèir Iain MhicÌomhair, tha e cho fìor-bhunaiteach gun tig adhartas air a' cheangal cho luath 's a ghabhas.
"Chan urrainn dha companaidhean fuireach le mì-chinnt is airgead a' crochadh air a bheil rud a' dol a thachairt no nach eil, airgead ceangailte an-àird.
"Cunnart"
"Feumaidh na companaidhean sin coimhead ri obraichean eile is mura tig cinnt a dh'aithghearr no fiosrachadh a thaobh cuin a tha e gu bhith ann is dè tha gu bhith na chois, tha an cunnart ann gun caill na h-Eileanan an Iar a-mach builleach glan air obair ath-nuadhachail.
"Tha e tàmailteach gu bheil an fheadhainn aig a bheil an comas cùisean a phutadh air adhart, nach eil iad air a bhith a' dèanamh sin. Leisgeul às dèidh leisgeul a' tighinn ag innse nach urrainn dhaibhsan siud a dhèanamh no dhan fheadhainn eile seo a dhèanamh.
"Tha daoine a' ruith a-mach à foighidinn is tha mi a' smaoineachadh gu bheil an Riaghaltas a' ruith a-mach à foighidinn agus tha e a' sealltainn a-nise gu bheil na companaidhean fhèin a' ruith a-mach à foighidinn.
"Tha a thìde aig na daoine aig a bheil an comas cùisean a phutadh air adhart sin a dhèanamh gu luath," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 3 An Dàmhair 2014
- 6 An Dàmhair 2014