Leudachadh san amharc an Gabhsann

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe Urras Oighreachd Ghabhsainn
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn airson an sgeama aca a leudachadh bho 1 crann gu 3.

Gheibh daoine cothrom bho dheireadh na seachdain seo earrannan a cheannach ann an sgeama cumhachd ath-nuadhachail ann an Leòdhas, mar phàirt de phlana gus leudachadh a thoirt air.

Fhuair Urras Oighreachd Ghabhsainn cead-dealbhachadh ann an 2009 airson trì crainn-gaoithe ann am Baile an Truiseil.

Tha iad air aonan a stèidheachadh thuige seo agus thòisich e a' tionndadh an-uiridh.

Bu mhiann leotha a-nise an sgeama a leudachadh gu trì crainn.

Dh'fhaodadh am plana aca còrr is £100,000 a thoirt a-steach dhan choimhearsnachd a h-uile bliadhna.

"Tha sinn a' coimhead a-nise ri dhol air adhart leis an dàrna phàirt den phròiseact a tha seo," thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Tormod MacThòmais.

Stèidhich an t-Urras companaidh ùr air a bheil Urras Energy, a bhios na mheadhan air an t-airgead a tha a dhìth orra a thogail.

Taic

Tha iad a-nis ag iarraidh air muinntir na sgìre taic a chur ris an sgeama.

"Feumaidh sinn a dhol dhan bhanca anns a' chiad àite agus iasad fhaighinn bhuapa-san, ach a bharrachd air an sin, tha sinn airson 's gun gabh a' choimhearsnachd fhèin - na daoine is buidhnean sam bith anns a' choimhearsnachd agus taobh a-muigh na coimhearsnachd - gun gabh iad barrachd ùidh ann, agus gun cuir iad fhèin airgead a-steach ann cuideachd. An t-airgead a tha sin, 's e earrannan a tha sinn gu bhith a' coimhead air a shon.

"S e riadh gu math ìosal a tha daoine a' faighinn bhon bhanca. Bhiodh sinne a' coimhead ri riadh tòrr mòr nas àirde na sin, 's dòcha eadar 4% no 5%, no nas àirde na sin.

"Nach eil e tòrr mòr nas fheàrr a bhith a' pàigheadh riadh dha daoine anns a' choimhearsnachd an àite a bhith a' pàigheadh riadh dhan bhanca?" thuirt e.

Thathas an dùil gun tigeadh dealan gu leòr às na trì crainn air a' cheann thall gus cumhachd a chumail ri 2,000 dachaigh.

Fosglaidh an sgeama ann an Ionad Chlann MhicGuaire ann am Borgh Dihaoine an 3mh den Damhair, às dèidh AGM Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Tha an t-Urras ag ràdh, ma thèid leotha leis an t-airgead, gum faodadh iad tòiseachadh air na crainn a thogail as t-Earrach 2015, 's gum biodh iad deiseil aig deireadh an t-Samhraidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh