Ceann a tuath na Hearadh "clàraichte"
- Air fhoillseachadh
Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh air a' chiad uachdaran a th' air an talamh ionaltraidh air fad aca a chlàradh le Coimisean na Croitearachd.
Tha 600 croit clàraichte a-nis aig a' Choimisean, a-mach às an timcheall air 18,000 croit a th' ann an Alba.
Fo Achd na Croitearachd 2010, feumaidh croitean 's talamh ionaltraidh na h-Alba a bhith air a chlàradh leis a' Choimisean.
"Mar a tha fhios aig tòrr dhaoine a-nis, ma tha duine a' dèanamh càil leis an lot aige, mar a' toirt an lot seachad, no a' dol a thogail taighe 's a bhith ri dì-chroitearachd, feumar sin a chlàradh an toiseach mus fhaigh iad air càil a dhèanamh," thuirt Coimiseanar Sgìreil nan Eilean Siar, Murchadh Mac IllInnein
"Aig an t-seann choimisean bha daoine a' cantainn carson nach eil mapaichean againn?
"Cha robh feum aig a' Choimisean air mapaichean, chun a seo co-dhiù. Ach anns an Achd ùr ann an 2010, rinn an Riaghaltas glè shoilleir gun robh iad ag iarriadh a h-uile croit a th' ann air mapa, agus crìochan a bhith aig a h-uile lot.
"Agus gum biodh fios aig a h-uile duine dè an talamh a th' aca. Chan e dìreach croitearan, ach an Rìoghachd fhèin 's a h-uile duine ann an Alba.
"Chan eil duine a' cur ìmpidh air croitean seo a dhèanamh, ach tha a' mhòr-chuid de dhaoine ag iarraidh sgioblachadh chùisean aca fhèin airson a bhith ceart co-dhiù.
"Ma tha iad a' dol a thoirt an lot seachad do dhuine eile mus bàsaich iad, feumaidh iad a dhèanamh co-dhiù," thuirt e.