Pròiseict ealain do dh'Abhainn Nis

Abhainn Nis Image copyright Rob Farrow / Geograph
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson pìosan ealain a thogail ri taobh Abhainn Nis.

Fhuair planaichean gus ceithir pìosan ealain a stèidheachadh ri taobh Abhainn Nis spionnadh agus còrr is £250,000 ga ghealltainn dhan phròiseict.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gun urrainn dhaibh an sgìre timcheall na h-aibhne a leasachadh agus tha iad airson sin a dhèanamh mar phàirt den obair a tha a' dol air adhart an-dràsta gus Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean.

Dh'fhoillsich Alba Chruthachail £259,000 dhan phròiseict.

Chaidh ceathar luchd-ealain fhastadh mar-thà.

Planaichean

Cuiridh an luchd-ealain a-nise an cuid phlanaichean air adhart 'son phìosan ealain a bhiodh air an togail ri taobh na h-aibhne.

"S e cothrom air leth seo a tha do dh'Inbhir Nis ealan poblach aig fìor àrd-ìre a stèidheachadh mar phàirt den obair gus am baile a dhìon bho thuiltean," thuirt an Comh. Coinneach Gowans.

"Tha sinn air leth taingeil do dh'Alba Chruthachail airson an t-airgead a tha seo a thoirt seachad," thuirt e.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Maoin Math Coitcheann Inbhir Nis agus Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd air taic-airgid a chur ris a' phròiseict.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile