Sgeulachd HMS Timbertown
- Published
Am measg àmhghar agus dòrtadh fala a' Chogaidh Mhòir, tha sgeulachd eadar-dhealaichte mu sheòlaidairean cùl-earalais, le Leòdhasaich nam measg, a chaidh a chur dha na trainnsichean.
Tha Angela NicIlleathain a' toirt thugainn sgeulachd air nach eil fios aig mòran, sgeulachd HMS Timbertown, far an deach seòladairean a bh' air an slighe gu na trainnsichean, a chur fo ghlas ann an dùthaich nach robh idir sa chogadh.
An dèidh do dh'Antwerp tuiteam san Dàmhair 1914, chaidh 1500 fireannach bho Roinn a' Chabhlaich Rìoghail, an RND, tarsainn a' chrìch agus a-steach dhan Òlaind, dùthaich nach robh air taobh seach taobh a ghabhail sa chogadh.
Bha iad a' teicheadh bho na Gearmailtich.
Seòladairean Leòdhasach
Gu h-iongantach, b' ann à Eilean Leòdhais a bha 102 de na fir agus chaidh an cumail ann an campa san Òlaind fad bhliadhnaichean a' chogaidh.
A' tarraing na sgeòil ri chèile airson a' chiad uair, tha Angela NicIlleathain a' gabhail turas iongantach bho ghearasdan Antwerp, gu far an deach iad tarsainn na crìch a-steach dhan Òlaind agus suas a Ghroningen far an deach seadaichean fiodha a thogail dha na fìr - àite-fuirich a fhuair am far-ainm HMS Timbertown.
Le bhith a' tadhal air An Tasglann Nàiseanta, tha Angela a' faighinn barrachd tuisge air dè a chaidh ceàrr ann an Antwerp agus dè dìreach a rinn na seòladairean fad na ceithir bliadhna a bha iad fo ghlais san Òlaind.
San tasglann, tha Angela a' faicinn liosta slàn de dh'ainmean an fheadhainn a bha sa champa còmhla ri na Leòdhasaich - iasgairean, clèirich, cleasaiche, mèirleach, agus a thuilleadh orra sin bha sinn-seanair Bana-dhiùc Chambridge, Frederick Glassborow.
Cuide ri iomadh Sasannach, bha grunn Albannaich à sgìrean mar Àbhach, Taobh Sear Rois, Inbhir Ùige, Fìobha, Sealtainn, Arcaibh, Glaschu agus aon bhalach à Eilean Bharraigh.
Diofar shuidheachaidhean
Tha pàipearan-naidheachd na h-ama a' cuideachadh Angela ann a bhith a' faighinn tuigse air co ris a bha an campa fhèin coltach - bho aighear nan geamaichean ball-coise agus cleas an àrd-ùrlair gu oidhirpean air teicheadh a dh'fhailich, tinneas agus bàs.
Tha Angela a' coinneachadh ri eòlaiche air eachdraidh a' Chabhlaich Rìoghail, an Caiptean Christopher Page, agus ri eòlaichean eachdraidh ionadail ann an Leòdhas agus ann an Groningen.
Tha i cuideachd a' cluinntinn sgeulachdan pearsanta bho chàirdean agus caraidean balaich Leòdhais.
Cluinnidh sinn na sgeulachdan a chual' iad fhèin nan òige agus feadhainn nach cual' iad a-riamh roimhe.
Thèid HMS Timbertown a chraoladh air BBC ALBA air Diardaoin an 9mh là den Dàmhair aig 9f, 100 bliadhna chun an là bho chaidh na seòladairean a-steach dhan Òlaind.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 9 An Dàmhair 2014