Ospdal ùr san Aghaidh Mhòir ga mholadh

An Aghaidh Mhòr Image copyright Anne Burgess / Geograph
Image caption Thathas a' moladh ospdal ùr a thogail san Aghaidh Mhòir.

Thèid iarraidh air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd an ath-sheachdain taic a chur ri moladh airson ospadal ùr do Bhàideanach is Srath Spè a thogail san Aghaidh Mhòir.

Thàinig co-chomhairle a rinn am Bòrd gu ceann san Iuchair.

Bha am Bòrd air beachdan iarraidh air càite am bu chòir ospadal ùr do Bhàideanach is Srath Spè a bhith stèidhichte.

Bha ceithir molaidhean aca.

Air a' cheann thall, nochd taic làidir - cha-mhòr 80% - do mholadh gus ospadal ùr a thogail aig làrach Pàirce Teicneòlais a' Chàirn Ghuirm anns an Aghaidh Mhòir.

Nan rachadh na planaichean air adhart, rachadh na h-ospadail ann an Baile Ùr nan Granndach is Ceann a' Ghiuthsaich - agus cuid de sheirbheisean slàinte eile san Aghaidh Mhòir - a dhùnadh.

Thèid iarraidh air a' Bhòrd Slàinte an taic a chur ris a' mholadh an ath-sheachdain.

Bhiodh an co-dhùnadh deireannach an uair sin aig Riaghaltas na h-Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile