Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Còraichean

Thuirt na Tòraidhean gun toir iad prìomhachas do lagh Bhreatainn seach do Chùirt Chòraichean Chinne Daonna na h-Eòrpa ann an Strasbourg. Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Chris Grayling, gun toireadh riaghaltas Tòraidh Breatainn a-mach às a' Chunnradh Eòrpach air Còraichean Daonna mura bi am facal mu dheireadh aig Pàrlamaid Westminster air ceistean connspaideach mar chead-bhòtaidh do phrìosanaich. Tha na Làbaraich agus na Lib-Deamaich a' càineadh nam planaichean sin.

Tha càineadh ann cuideachd nach do ghabh na Tòraidhean comhairle bho dhùthchannan na Rìoghachd Aonaichte anns a bheil fèin-riaghladh. Dh'fheumadh atharrachadh sam bith cead an toiseach bho na pàrlamaidean ann an Dùn Èideann, Cardiff agus Beul Feirste.

A' Chìs Choimhearsnachd

Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, dìon air plana a chuireadh stad air na h-ùghdarrasan ionadail bho bhith a' siubhal dhaoine air a bheil fiachan na cìse coimhearsnachd. Dh'ainmich Mgr Salmond am plana aig Holyrood an-dè, an dèidh aithrisean gum biodh comhairlean ag amas air daoine a bh' air clàradh airson bhòtadh bho chionn ghoirid. Tha na h-ùghdarrasan ionadail a' cumail a-mach gu bheil fiachan de £400m ann fhathast.

GDF Suez

Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster, Aonghas Briannan MacNèill, a' cumail a-mach gur e Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte as coireach gun do tharraing a' chompanaidh GDF Suez a-mach à plana airson tuath-gaoithe mòr ann an Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas. Tha esan ag ràdh gun do stèidhich an riaghaltas prìs ro ìosal air an dealain a thigeadh bho thuathan-gaoithe nan eilean mu choinneimh na chosgadh e càball dealain mòr a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr.

Thailand

Tha dithis à Burma an grèim ann an Thailand fo chasaid gur iad a mhuirt dithis luchd-turais à Breatainn air Eilean Koh Tao. Tha cola-deug ann a-niste bho fhuaireas cuirp Hannah Witheridge, a bha 23, agus Daibhidh Miller, a bha 24. Thuirt na poilis gu bheil na fir fo chasaid cuideachd gun do dh'èignich iad Hannah Witheridge.

A96

Tha Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, air a' Ghàidhealtachd an-diugh le fiosrachadh mun t-slighe a b' fheàrr do rathad an A96 nuair a thèid a leasachadh gu ìre dà-fhillte eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Bidh fiosrachadh aige cuideachd mun phlana airson seach-rathad Inbhir Narann. Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air an A96 gu lèir eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain a thoirt gu ìre dà-fhillte ron bhliadhna 2030.

Teine

Chaidh togalach ann am meadhan Steòrnabhaigh a dhroch mhilleadh le teine, mus do chuir luchd-smàlaidh stad air. Thòisich an teine air Sràid Chrombail tràth sa mhadainn an-diugh. Cha deach duine a ghoirteachadh.