Crann-gaoithe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

MacNèill a' cur na coire air Lunnainn

3 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster a' cumail a-mach gur e Riaghaltas na Rìogachd Aonaichte as coireach airson mar a tharraing GDF Suez a-mach à pròiseict mhòr ath-nuadhachail ann an Ceann a Deas nan Loch an Leòdhas.

Tha Aonghas Briannan MacNèill ag ràdh gun do stèidhich an riaghaltas prìs ro ìosal air an dealain a thigeadh bho thuathan-gaoithe nan eilean mu choinneimh na chosgadh e càball dealain mòr a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr.

Thuirt e gum biodh cùisean eadar-dhealaichte nam biodh Alba air bhòtadh airson neo-eisimeileachd air a' mhìos a dh'fhalbh.

Bhruidhinn Murray MacLeòid ris.