Iarrtas dàrna referendum a sheachnadh

Alistair MacIlleMhìcheil agus Nicola Sturgeon Image copyright Other
Image caption Dhiùlt Ms Sturgeon gealltainn nach obraich i a dh'ionnsaigh referendum eile.

Cha bu chòir do Nicola Sturgeon a bhith ag amas air referendum eile air neo-eisimeileachd a chumail san aithghearrachd, a rèir Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil.

Bha Mgr MacilleMhìcheil a' bruidhinn ri co-labhairt Foghair nan Libearalach Dheamocratach ann an Glaschu.

Dh'iarr e air Ms Sturgeon - an aon tagraiche aig an ìre seo airson dreuchd Prìomh Mhinisteir na h-Alba, nuair a leigeas Ailig Salmond dheth a dhreuchd san t-Samhain - gun a bhith ag obair a dh'ionnsaigh referendum eile.

Thuirt labhraiche do Mhs Sturgeon gur ann air beachd an t-sluaigh a dheadh bun-stèidh airson referendum eile a thogail.

'Fàinne na neo-eisimeileachd'

Thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gun robh uallach air ceannas an SNP a-niste, agus Ms Sturgeon gu h-àraid, muinntir na h-Alba a thoirt air ais ri chèile.

"Faodaidh sinn uile brataichean a thogail, fianais a thogail agus caismeachd ma thogras sinn," tuirt Mgr MacIlleMhìcheil.

"Ach nach biodh e na b' fheàrr sin a chur an dàrna taobh, gabhail ri toil mhuinntir na h-Alba, agus tarraing air an aon ràmh?

"'S e deuchainn mhòr a th' ann an seo do cheannas an SNP - do Nicola Stugeron. 'S e briseadh-dùil a th' ann gun do dhiùlt i gealltainn nach bi iomairt ann airson referendum eile a chumail taobh a-staigh trì bliadhna.

"Tha ùine ann fhathast dhi a bhith a' soilleireachadh nach bi i a' putadh airson dad den leithid. Tha mi an dòchas gun gabh i ris a' chothrom sin."

Thuirt labhraiche do Mhs Sturgeon: "Rinn an Leas-Phrìomh Mhinistear gu math soilleir gu bheil i a' gabhail ri buile bhòt an referendum, agus gun obraich an SNP gu dlùth còmhla ri obair Choimisein Mhic a' Ghobhainn.

'Beachd a' phobaill'

"Thuirt Ms Sturgeon cuideachd gu bheil i fhathast den bheachd gum bu chòir, agus gum bi Alba na dùthaich neo-eisimeilich, ach gur e suidheachadh na dùthcha, agus beachd a' phobaill a dhearbhas co-dhiù bhios referendum eile ann."

'S e Coimisean Mhic a' Ghobhainn a' bhuidheann a chaidh a chur air bhonn airson pròiseas an fhèin-riaghlaidh a ghluasad air adhart, agus cumhachdan a bharrachd air an gealltainn do Phàrlamaid na h-Alba le pàrtaidhean a bha a' taobhadh ris an Aonadh ann an iomairt an referendum.

Thug ceannard Albannach nan Lib-Deamach, Uilleam Rennie, rabhadh don cho-labhairt mu a bhith a' cruthachadh structair "neo-sheasmhach" de dh'fhèin-riaghladh, a dh'fhaodadh na nàiseanaich a chleachdadh mar "bhoma-ùine beò a chaidh a chumadh a dh'aona-ghnothach airson neo-eisimeileachd a thoirt gu bith".

"Tha deuchainn ann dhan SNP ma-thà - am bi iad mar Gollum ann an Lord of the Rings, air am buaireadh le miann airson fàinne na neo-eisimeileachd?

"No an obraich iad gu ciallach còmhla ri càch gus fèin-riaghladh a tha seasmhach, agus cumhachdach a chruthachadh taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte? 'S e sin am fìor-dheuchainn."