Leòdhas
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt 'Ar n-Eileanan ri Teachd' a' leantainn

6 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha iomairt an referendum seachad, ach tha iomairt 'Ar n-Eileanan ri Teachd' a' leantainn.

Tha comhairlean Arcaibh, Sealtainn agus nan Eilean Siar air a bhith a' strì airson barrachd chumachdan fhaighinn bho gach taobh a bha an sàs anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha na comhairlean misneachail gum faigh iad an tuilleadh chumhachdan, ach gus an tig Comisean Khelvin gu co-dhùnadh, chan eil e soilleir cò bhios an urra ri na cumhachdan a thoirt seachad.

Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.