Danny MacAsgaill
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Danny air a' Chuilthionn

7 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'aidich athair Danny MhicAsgaill gun do chuir e crithean troimhe a bhith a' coimhead air a mhac a' dèanamh cleasan bhaidhsagail air a' Chuilthionn.

Thuirt Peadar MacAsgaill à Dùn Bheagain gun robh Danny air a bheò-ghlacadh leis a bhaidhsagal bho bha e na bhalach òg san Eilean.

Tha na muilleanan mòra air coimhead air a' bhideo às ùr aige is Danny air tilleadh dhachaigh gus cuairt a dhèanamh air na h-àirdean.

Chìthear ciamar a rinn Danny agus Cut Media am bhideo ann am prògram sònraichte air BBC 1 Scotland oidhche Haoine aig 7.30f.