Gearanan mu dhùnadh na drochaid

Drochaid an Eilein Sgitheanaich Image copyright Dr Duncan Pepper / Geograph
Image caption B' e dìreach an treas uair a-riamh a chaidh an drochaid a dhùnadh do gach seòrsa carbad.

Nochd gearainean a thaobh mar a chaidh Drochaid an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh fad grunn uairean de thìde madainn Diluain air sgàth droch shìde.

Chaidh an drochaid a dhùnadh aig 04:00m is a' ghaoth fìor làidir.

Cha do dh'fhosgail i a-rithist gu meadhan là.

B' e dìreach an treas uair a-riamh a chaidh an drochaid a dhùnadh do gach seòrsa carbad.

Feitheamh

Bha Ruairidh Moireach, a tha a' fuireach ann an Slèite, am measg na bha a' feitheamh 'son a dhol tarsainn air an drochaid.

"Cha robh fiosrachadh idir idir ann", thuirt e.

"Thàinig càr poilis aig 11.00m ag ràdh gun robh an drochaid dùinte air sgàth neart na gaoithe.

"'S mathaid gun robh a' ghaoth gu math làidir aig mullach na drochaid ach far an robh sinne, ann an Caol Àcainn, bha i na phlod-fèatha aig 11:00m agus tha e a' cur iongadh oirnn gun do dh'fhàg iad an drochaid dùinte cho fada".

A rèir Mhgr Mhoirich, bu chòir coimhead air mar a chaidh an gnothach a làimhseachadh.

Dearbhadh

"Tha mi a' smaoineachadh, ma bhios seo a' tachairt tric, gum feum sinn dearbhadh math a bhith againn air dè na h-adhbharan a th' ann airson a bhith a' dùnadh agus cuideachd dè na slatan-tomhais a tha iad a' cleachdadh mus tèid a dùnadh.

"Feumaidh am fiosrachadh sin tighinn a-mach gu daoine gus am bi fios aca dè tha a' dol a thachairt agus ma bhios seòrsa de shìde shònraichte ann, gun adhbhraich sin an drochaid a bhith dùinte

"Feumaidh am fiosrachadh sin a bhith againn bhon ma tha seo a' dol gu bhith na chleachdadh, tha sinn air ais dìreach chun nan làthaichean an uair a bha sinn an urra ri na h-aiseagan an uair a bhiodh iad dheth an uair a bhiodh droch shìde ann", thuirt e.

Tha sinn a' feitheamh freagairt bho Phoilis na h-Alba air na puingean a thog Mgr Moireach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile