Comhairle coimhearsnachd a' cur an aghaidh phontùn
- Published
Tha Comhairle Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteal air cur an aghaidh phlanaichean na companaidh leasachaidh ionadail airson cidhe-phontùn, ged a thathas airson an leithid fhaicinn ann am Barraigh.
Fo na planaichean, bhiodh àite ann airson suas ri 20 bàta.
Tha ceist air a' Chomhairle Choimhearsnachd ge-tà, mun làraich air an stèichichte iad.
Tro mhìosan an t-Samhraidh, bidh mòran iachtaichean a' tadhail air Bàgh a' Chaisteil, ach chan eil goireasan pontùn ann dhaibh.
Ospadal
Tha a-niste a' chompanaidh Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh airson pontùin a stèidheachadh air taobh an iar a' bhàigh.
Tha iad a' faighinn misneachd bho cho soirbheachail 's a tha leithid de ghoireas ann an àiteachan eile leithid Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath, a dh'fhosgail am-bliadhna.
Tha dùil cuideachd gum bi pontùin ann an Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas an ath-bhliadhna.
Tha dragh air daoine nach tadhail luchd-seòlaidh air Bàgh a' Chaisteil mura bi àite-ceangail sàbhailte ann dhaibh.
"'S e an duilgheadas a th' aig iacht sam bith a thig a-steach a Bhàgh a' Chaisteil, no bàta sam bith, 's e faighinn air tìr," thuirt stiùiriche na Companaidh Coimhearsnachd, Dòmhnall Uilleam MacLeòid.
"Chan eil teansa fon ghrèin agad a bhith a' tàladh nan daoine a tha sin mura bheil e sàbhailte dhaibh faighinn air tìr.
"Agus mar a tha thu a' faicinn sa h-uile port eile air Tìr-Mòr agus anns na h-Eileanan, àite sam bith far an cuir iad na pontùin, tha iad furasta a chleachdadh, 's tha iad sàbhailte 's gheibh daoine annta 's àsta co-dhiù tha i soilleir no dorcha, sàbhailte agus le cloinn.
"Mura bheil iad an seo, thèid iad a dh'àiteigin far a bheil," thuirt e.
Tha an rathad chun na làraich cuideachd a' leantainn air chun an Ospadail, far a bheil leasachadh mòr air fàire, agus is e sin as motha a tha a' cur dragh air an fheadhainn a tha na aghaidh.
"Chan e dìreach an làrach fhèin, 's e a bhith a' faighinn chun na làraich," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil, Karen NicIllEathain.
"Agus a' bhuaidh a bhiodh aige air muinntir an àite. Chan e a-mhàin iadsan a tha a' fuireach anns na Huirgh, ach cuideachd iadsan a bhiodh a' dol gu ruige prìomh ionaid shlàinte na coimhearsnachd," thuirt i.
Chan eil a' chomhairle coimhearsnachd an aghaidh an leasachaidh ann am prionnsabal, ach tha iad draghail mun làraich a chaidh a mholadh.
A bharrachd air luchd-turais, bhiodh na pontùin air an cleachdadh le muinntir an àite a tha gu mòr an sàs ann an spòrs uisge.
Tha dragh air Mgr MacLeòid nach tòischear gu bràth air an leasachadh mura tòisichear an àiteigin.
"Mar a tha a h-uile sian den rud a tha sin, tha daonnan cuideigin na aghaidh," thuirt e.
"Tha fhios agam nuair a chaidh an cabhsair a Bhatarsaigh, nan robhar a' feitheamh ris a h-uile duine aontachadh air sin cha bhiodh e fhathast ann.
"Bha feadhainn ag iarraidh drochaid ann, 's feadhainn nach robh ga iarraidh idir.
"Cà 'm biodh Bhatarsaigh an-diugh?"
Fhuair Comhairle nan Eilean Siar trì gearainean eile, a bharrachd air brath na Comhairle Coimhearsnachd.