Fèis Litreachais aig Oilthigh Ghlaschu

Leabhraichean Gàidhlig
Image caption Chaidh an fhèis a chur air chois le Oilthigh Ghlaschu ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean.

Feasgair Diciadain, thèid Fèis Litreachais Ghàidhlig a chumail airson a' chiad uair aig Oilthigh Ghlaschu.

Gheibh oileanaich an cothrom barrachd ionnsachadh mu litreachas sgrìobhte na Gàidhlig tro mheasgachadh de dh'òraidean agus bùithtean-obrach air an lìbhrigeadh le acadaimigich, sgrìobhadairean agus craoladairean proifeasanta.

Chaidh an fhèis a chur air chois le Oilthigh Ghlaschu ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean.

Cothroman

Dh'innis Oifigear Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu, Fiona Dunn: "Tha sinn a' faireachdainn gu bheil tòrr chothroman a-muigh an sin airson òigridh a dhol an sàs ann a bhith a' sgrìobhadh."

Thuirt Ms Dunn gun robhar an amharas ge-tà, gur dòcha nach robh misneachd aca sin a dhèanamh.

"Tha seo, ann an dòigh, gu bhith na dhrochaid dhaibh, le bhith a' faighinn beagan brosnachaidh bho dhaoine a tha an sàs anns a' ghnìomhachas.

"Chan e rud acadaimigeach a-mhàin a th' ann idir, agus tha sinn a' feuchainn ri toirt orra a bhith a' smaoineachadh air litreachas ann an dòigh diofraichte, gus an tèid iad an sàs ann an tòrr de na h-iomairtean a tha a-muigh an sin agus na cothroman a tha ann dhaibh a dhol an sàs ann," thuirt i.

Seiseanan

Tha measgachadh de sheiseanan an lùib na fèise, a' tòiseachadh leis an Òraid Fhosglaidh bhon Oll. Dòmhnall Meek.

"Tha sinn uabhasach toilichte a bhith a' cur fàilte air Dòmhnall. Tha esan a' dol a thoirt seachad òraid a tha ag innse beagan mu dheidhinn litreachas na Gàidhlig gu h-eachdraidheil, agus cuideachd suas chun an là an-diugh," dh'innis Ms Dunn.

Le bhith a' dèiligeadh ris a' chuspair san fharsaingeachd, bhathar an dùil gum freagradh e air barrachd dhaoine.

Thuirt Ms Dunn gun robhar ag iarraidh gum biodh an fhèis fosgailte do dhuine sam bith; bho dhaoine a tha dìreach air ùr-thòiseachadh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, gu oileanaich na roinne agus à oilthighean eile cuideachd.

Am measg nan seiseanan eile, bidh 'Seisean-tòiseachaidh ann an litreachas na Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh' le Daibhidh Eyre agus 'A' sgrìobhadh sa Ghàidhlig airson fileantaich' le Maureen NicLeòid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile