À Loch Abar gu Rwanda

Dealbhan mar chuimneachan air cuid a dh'fhulaing ri linn sgrios-sluaigh Kigali Image copyright AFP
Image caption Dealbhan mar chuimneachan air cuid a dh'fhulaing ri linn sgrios-sluaigh Kigali ann an Rwanda.

Bidh fear de mhinistearan na h-Eaglaise Saoire ag obair ann an àite caran eadar-dhealaichte bhon choithional aige ann an Loch Abar a dh'aithghearr.

Nas fhaide air a' mhìos seo, bidh an t-Urr. Crìsdean MacRath a' siubhal gu Rwanda còmhla ri Comann Bìoball na h-Alba.

Dh'innis an t-Urr. MacRath gur ann tron Chomann Bhìoball a fhuair e an cothrom a dhol air an turas seo.

"Airson bhliadhnaichean bha mi ag iarraidh a dhol a-mach thall-thairis, o chionn 's tha sinn gu math tric anns an eaglais ag obair timcheall a' bhaile, ann an Cill Mhàilidh, agus na h-àiteachan againn fhèin ann an Alba.

"Tha iarrtas againn a bhith ag obair tron t-saoghal leis an t-soisgeul - fhuair mi an cothrom seo, 's cha tug mi fada a' cantainn, "Uill, thig mi ann còmhla ribh".

"'S e cothrom mòr a tha seo agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil Ìosa ag iarraidh oirnn a dhol a-mach - chan e dìreach a' coimhead air na daoine againn fhèin, ach tha còir againn a bhith a' sealltainn gràdh Chrìosd dhan h-uile nàisean tron t-saoghal air fad."

Sgrios-sluaigh

Fhad 's a tha iad ann an Rwanda, thathar an dùil a dhol a dh'fhaicinn diofar chuimhneachain, gu h-àraidh timcheall air an sgìre far an robh an sgrios-sluaigh o chionn 20 bliadhna.

Thuirt e gu bheilear a' dol a choinneachadh ri feadhainn a tha ag obair cuide ris a' Chomann Bhìobaill, gus cuideachadh a thoirt seachad airson "maitheanas agus ath-rèiteachadh".

Thuirt e gum bithear ag obair cuide ris a' chloinn-sgoile agus feadhainn aig a bheil trioblaidean le HIV, 's gum bithear cuideachd a' dèanamh obair timcheall nam prìosan - cuide ri feadhainn a th' anns a' phrìosan fhathast agus feadhainn a th' air faighinn a-mach.

Ged a bha an t-Urr. MacRath ga cheasnachadh fhèin, co-dhiù an robh esan 20 bliadhna ro fhadalach a' dol ann, chaidh cuimhneachadh dha gun robh muinntir Rwanda ag iarraidh agus a' cur feum air cuideachadh.

Thuirt e gu bheil daoine fhathast feumach air gràdh Ìosa, agus gun urrainnear cuideachadh practaigeach a thoirt do dhaoine aig a bheil trioblaidean fhathast às dèidh an sgrios-shluaigh.

Dòchasach

"Tha mi an dòchas gun tig sinn air ais agus innsidh sinn dhan choithional, agus duine sam bith a tha ag èisteachd, gu bheil sinn a' cumail oirnn a' toirt seachad cuideachaidh do dhaoine.

"Tha mi an dòchas gun dèan seo an teagasg agam nas fheàrr agus gum bi mi beagan nas fheàrr air coimhead às dèidh dhaoine eile cuideachd."

Tha an t-Urr. MacRath a' fàgail airson Rwanda Dihaoine seo tighinn, 's bidh e an sin airson 10 là.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile