Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ebola

Tha ùghdarasan slàinte na Spàinn a' rannsachadh mar a chaidh banaltram ann am Madrid a ghannrachadh le Ebola às dèidh dhi cùram a dhèanamh air euslainteach a bh' air tilleadh à Liberia. 'S i a' chiad neach a chaidh a ghannrachadh leis a' ghalair taobh a-muigh a' phàirt ud do dh'Afraga an Iar far a bheil am plàigh air còrr is 3,000 duine a mharbhadh.

Kobane

Bha tuilleadh sabaid ann an Kobane ann an Siria tron oidhche, far a bheil feachdan Curdach a' feuchainn ri stad a chur air radaigich na Stàite Islamaich. Tha IS air smachd a ghabhail air na h-uimhir den bhaile às dèidh sèisd trì seachdainean. Tha oidhearpan a' leantainn gus na mìltean do shìobhaltaich a ghluasad gu sàbhailteachd.

Murt

Chaidh rannsachadh murt a chur air chois ann an Glaschu às dèidh do dh'fhear a dh'fhuiling droch ionnsaigh ann an sgìre Woodside den bhaile bàsachadh san ospadal. Bha Steafan McGinlay, 26, a' coiseachd le caraid air Rathad Naomh Dheòrsa mu thimcheall air 6.00f feasgar Dhiardaoin an uair a thug triùir fhireannach ionnsaigh orra. Chaochail e san ospadal Là na Sàbaid.

Ailean Henning

Thuirt Moazzam Begg, a bha na phrìosanach ann am Bàgh Ghuantanamo, gun robh e deiseil airson cuideachadh le a bhith a' saoradh a' Bhreatannaich, Ailean Henning, ach gun do dhiùlt Riaghaltais Bhreatainn an tagradh aige. Dh'innis Mgr Begg dhan BhBC gun robh e air cuideachadh roimhe seo le a bhith a' saoradh dhaoine a chaidh a thoirt am bruid ann an Siria. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin nach eil e na chleachdadh dhaibh a bhith a' bruidhinn air cùisean far a bheil Breatannaich gan toirt am bruid.

An grèim

Chaidh fear, 29, a chur an grèim co-cheangailte ri cùis-èigneachaidh ann an Siorrachd Rinn Friù air an t-seachdain seo chaidh. Chaidh ionnsaigh a thoirt air boireannach òg, 18, tràth feasgar air slighe baidhsagail eadar Baile Eòin agus Linwood. Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Bancair

Dh'aidich àrd-bhancair bho fhear do bhancaichean mòra Bhreatainn ri casaidean gun do dh'fheuch e ri foill a dèanamh air na margaidhean ionmhais. Tha seo a' leantainn air rannsachadh a rinn na poilis air casaidean gun deach oidhirp a dhèanamh gus buaidh a thoirt air Libor, an ìre iasaid eadar-nàiseanta a tha na bancaichean a' cleachdadh. Chan fhaod an duine, neo am banca aig a bheil e ag obair, ainmeachadh air sàillibh casg aithris.