Taic dha ospadal ùr san Aghaidh Mhòir
- Published
image copyrightPeter Bond / Geograph
Chuir Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd taic ri planaichean gus ospadal ùr do Bhàideanach is Srath Spè a thogail san Aghaidh Mhòir.
Dh'iarr iad beachd an t-sluaigh anns an t-Samhradh air ceithir làraichean is bha taic làidir ann - cha-mhòr 80% - 'son ospadal ann am Pàirce Teicneòlais a' Chàirn Ghuirm.
'S e sin an làrach a thagh am Bòrd Slàinte.
Chosgadh an leasachadh eadar £12m is £15m is dh'fhaodadh e a bhith deiseil ann an 2018.
Mar phàirt den leasachadh, rachadh na h-ospadail bheaga ann an Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr nan Granndach a dhùnadh.
Thèid an gnothach a-nise gu Riaghaltas na h-Alba airson co-dhùnadh deireannach a dhèanamh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh