Stiùireadh do Ralaidh Mhuile
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann ùr de dh'eòlaichean sàbhailteachd air stiùireadh a thoirt dhan fheadhainn a tha a' cur air dòigh Ralaidh Mhuile aig an deireadh-sheachdain.
Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh le Riaghaltas na h-Alba às dèidh mar a chaill triùir am beatha fhad 's a bha iad a' coimhead Ralaidh Jim Clark anns na Crìochan sa Chèitean an-uiridh.
Chaidh Iain Provan, 64; Ealasaid Allan, 63; agus Len Stern, 71, a mharbhadh an uair a bhual càr annta.
Sa Ghearran an-uiridh chaidh Joy Robson, 50, às an Eilean Sgitheanach, a mharbhadh an uair a bhual càr innte aig Ralaidh an Snowman air a' Ghàidhealtachd.
Seo na ciad mholaidhean a tha air tighinn bho na h-eòlaichean.
Am measg na tha iad a' cur adhart, tha oifigear sàbhailteachd neo-eisimileach aig gach ralaidh.
Trèanadh
Dh'iarr iad cuideachd trèanadh a bharrachd dhan fheadhainn a tha a' marsaladh aig ralaidhean agus rabhaidhean sàbhailteachd nas fhearr dhan fheadhainn a tha a' coimhead.
"Chuir na tubaistean uabhasach aig Ralaidh Jim Clark is Ralaidh an Snowman ann am 2013 sàbhailteachd luchd-taic aig ralaidhean fon phrosbaig", thuirt Ministear na Spòrs, Shona Robasdan.
"Chan urrainn tachartasan mar seo a bhith gu tur sàbhailte - ach tha na molaidhean a tha seo a' sealltainn gu bheil leasachaidhean ann a bhios nan cuideachadh a thaobh tubaisdean a sheachnadh", thuirt i.
Dh'innis am ministear gu bheil an Riaghaltas den bheachd gu bheil na h-atharrachaidhean "riatanach" gus leigeil le ralaideadh a dhol air adhart gu sàbhailte ann an Alba.
Thèid Ralaidh Mhuile air adhart air an deireadh-sheachdain is tha an fheadhainn a tha ga chur air dòigh mar thà air na molaidean ùra a thaobh sàbhailteachd a chur an sàs.