Àireamhan a' Chunntas Àiteachais 2014

Crodh Image copyright Scottish Natural Heritage
Image caption Chaidh an àireamh de bheathaichean mart sìos 4,000 gu 1.79 millean.

Tha na h-àireamhan as ùire a' sealltainn gu bheil na thathar a' fàs de bhàrr agus àireamhan stuic air a dhol am meud ann an Alba mar thoradh air cho math 's a bha a' Gheamhradh seo chaidh.

Tha barrachd chaorach, mhucan agus chearcan gan cumail na bha sna bliadhnaichean a chaidh seachad, le 165,000 uan a bharrachd gam breith san t-sìde mhath am-bliadhna.

Thuirt Iain Stephen Moireasdan, croitear à Uibhist a Deas: "'S e deagh naidheachd a th' ann. Tha e daonnan math faicinn gu bheil àireamhan a' dol suas, gu seachd àraid am bàrr a thathar a' fàs agus, dhomh fhèin, an stoc.

"Tha mi a' smaoineachadh, am-bliadhna, gu bheil seo mar thoradh air an t-sìde mhath a bh' ann, gu h-àraidh an àm an Earraich.

"Ged nach robh an Geamhradh a bh' anns na h-Eileanan cho math, 's e mo thuigse gun robh e math gu leòr air Tìr Mòr, 's gun do chuidich sin leis na bhathar a' fàs de chruithneachd, mar eisimpleir."

Sìde

Chaidh àireamhan chaorach suas 2% gu 6.7 millean, le 165,000 uan a bharrachd gam breith san t-sìde mhath.

Chaidh an àireamh mhucan suas 8,000, no 3%, an dèidh lùghdachaidhean mòra sna bliadhnaichean roimhe.

Image caption Chaidh àireamhan chaorach suas 2% gu 6.7 millean, le 165,000 uan a bharrachd gam breith san t-sìde mhath.
Image copyright Getty Images
Image caption Chaidh an àireamh mhucan suas 8,000, no 3%, an dèidh lùghdachaidhean mòra sna bliadhnaichean roimhe.

Cha b' e an aimsir a-mhàin a bu choireach gun tàinig àrdachadh air na h-àireamhan ge-tà. A rèir Mhgr Moireasdan, tha grunn nithean a' toirt buaidh air an t-suidheachadh.

"Tha a' mhargaidh a' bualadh air, 's dè tha daoine ag iarraidh, 's cò ris a tha prìsean coltach. Nuair a tha daoine a' smaointinn air dè a tha iad a' dol a chur, no dè tha iad a' dol a chumail, no dè an àireamh de stoc a tha gu bhith aca, tha iad a' sealltainn air dè na tha iad a' dol a dh'fhaighinn air a shon aig a' cheann thall.

"An tuigse a th' agamsa air na h-àireamhan seo a th' air nochdadh, 's e gur e an t-sìde a tha a' faighinn na coire airson nam pìosan dheth a tha math. Mar eisimpleir, thathar a' faicinn cruithneachd, rud a tha ga chur sa Gheamhradh, gun robh sin air a dhol suas air sàillibh 's gun robh an t-sìde freagarrach air a shon.

Image copyright Getty Images
Image caption Chuidich sìde mhath air Tìr Mòr leis na bhathar a' fàs de chruithneachd.

"Ach, tòrr de na rudan a thathar a' cur an àm an Earraich, cha do rinn iad buileach cho math ann," thuirt e.

Cha tàinig àrdachadh air na h-àireamhan air fad, le àireamhan a' chruidh a' tuiteam - rud a tha na adhbhar dragh "am measg nan àireamhan seo", a rèir Mgr Moireasdan.

Lùghdachadh

Chaidh an àireamh de bheathaichean mart sìos 4,000 gu 1.79 millean.

Taobh a-staigh na h-àireimh sin, tha àireamh a' chruidh-bhainne air a dhol suas 3% gu 274,000. B' e an àireamh chruidh aig am bi laoigh airson feòla a chaidh sìos 2% gu 713,000.

A rèir Mhgr Moireasdain, tha na h-àireamhan sin air a bhith a' tuiteam air an socair bho na 70an.

"Tha an t-uabhas de rudan an lùib sin - cosgais anns a' chiad àite, biadh gu seachd àraid, ach iomadh rud eile cuideachd.

"Tha an uair sin a' phrìs - a' dol sìos is suas. Ma tha daoine a' smaoineachadh nach eile iad a' dol a dh'fhaighinn prìs cho math air 's dòcha seann bheathaichean, cuiridh iad bhuapa iad agus tha sin a' ciallachadh gu bheil an àireamh a' tuiteam cuideachd," thuirt e.

Dh'innis e cuideachd ge-tà, tro shiostam a' phàighidh - an 'single farm payment' - agus an dòigh a bhathas ga riaghladh suas chun na bliadhna seo fhèin, nach robh tuathanaich a' call sgillinn de na bha iad a' faighinn air a phàigheadh dhaibh, ged a chuir iad bhuapa an stoc gu lèir, cha-mhòr.

Thuirt e gun robh sin a' cuideachadh leis an àireamh a bhith a' tuiteam air a socair thairis na bliadhnaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile