Droch shìde aig tuath

Tha droch shìde air buaidh a thoirt air còmhdhail ann an ceann a tuath na h-Alba.

Dh'iarr poilis air dràibhearan ann an sgìre Inbhir Nis a bhith gu sònraichte faiceallach air an A9 is A96 timcheall air cearcall rathaid an Ràthaig Mhòir.

Dhùin grunn rathaidean timcheall air Inbhir Nis; Rathaid Bhaile an Locha, Rathad Chùil Lodair, Rathad Doire nam Bochd, Rathad Mhoireibh is Rathad Bhaile Ghobhainn.

Tha an rathad fon A9 aig Baile Muilinn an Leigheis a-nise air fosgladh às ùr.

Dhùin cuideachd am B9006 eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann aig Pàirce Charabhanaichean Sunnyside.

Chaidh rabhadh a thoirt cuideachd mu uisge air an rathad air an A835 ann an sgìre Ulapuil

Chaidh an A96 a dhùnadh do chàraichean eadar Baile Chèith agus Hunndaidh.

Chan eil treanaichean a' dol eadar Baile Chèith is Eilginn air sgàth thuiltean is tha sin air buaidh a thoirt air an t-seirbheis eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain.

Bidh Àrd-sgoil Allt a' Mhuilinn is Bun-sgoil Bhaile an Locha ann an Inbhir Nis agus Bun-sgoil Abhaich san Eilean Dubh dùinte fad an là Diciadain ri linn na sìde.

Thug SEPA rabhadh mu làn àrd eadar Inbhir Èireann is Inbhir Losaidh is tha dùil gum bi Uisge Spè glè àrd cuideachd.

Tha rabhadh ann mun chunnart bho thuiltean cuideachd do Ghallaibh is Cataibh, Taobh Sear Rois agus an sgìre mun thimcheall air Linne Fharrair.

Timcheall a' BhBC