Teine air bàta rèidio-beò
- Published
Tha soitheach a tha a' giùlain sgudail rèidio-beò agus a bh' air cumhachd a chall, agus i gun stiùir ann an Linne Mhoireibh, a-niste air àcair ann an Linne Chrombaigh.
Bha am Parida, sa bheil 101 meatair de dh'fhaid, a' toirt cargo de sgudal choncreat rèidio-beò bho Scrabasdail ann an Gallaibh, gu ruige Antwerpen sa Bheilg nuair a thòisich teine ann am fear den dà fhuineall aice.
Chaidh an teine a smàladh, agus thathas a' tuigsinn nach eil an criutha ann an cunnart.
Chaidh fios air na Maoir-Chladaich mu 08:00m Dimàirt.
Chaidh 52 de luchd-obrach a thoirt far Chlàr-ola Bheatrice, air eagal 's gum bualadh an soitheach ann.
Chaidh bàta-slaodaidh a ghairm aig 10:00f oidhche Mhàirt, agus ràinig i an soitheach mu chòig uairean an dèidh sin, 's i mu 20 mìle mara an ear-dheas air Inbhir Ùige.