Aonghas MacLeòid
- Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air an fhear-naidheachd Aonghas MacLeòid a chaochail aig aois 61.
Bha e air a bhith a' fulang le aillse.
Rugadh agus thogadh Aonghas MacLeòid ann an Achadh a' Phlastair, air iomall Steòrnabhaigh, agus b' ann à Siabost a bha a phàrantan.
B' e deasaiche Albannach an Times, agus nochd e gu tric air prògraman poilitigeach a' BhBC.
Bha e air tòiseachadh aig an Scotsman, 's bha an Scottish Daily Express agus an Sunday Mail am measg nam pàipearan eile far an do dh'obraich e.
Eòlas
Dh'innis an Times gun robh eòlas sònraichte aige air poileataigs na h-Alba is Bhreatainn, 's gun robh meas mòr aig an sgioba aige dha.
Murchadh MacLeòid a' dèanamh luaidh air Aonghas MacLeòid.
B' e deasaiche a bh' ann, thuirt iad, a bha cothromach agus tàlant aige airson faighinn gu cridhe gach sgeulachd.
Thuirt iad gun robh e air brosnachadh a thoirt do cho-obraichean is luchd-naidheachd òga.
Rinn am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, luaidh air Mgr MacLeòid, 's e ag ràdh gur e fear-naidheachd tuigseach a bh' ann agus gum bi luchd-poileataigs anns gach pàrtaidh ga ionndrainn.
Thuirt Alasdair Darling, a bha na sheansalair agus na cheannard air iomairt 'Nas Fheàrr Còmhla', gur e duine uasal a bh' ann am Mgr MacLeòid agus gu bheil e a bhàs na chall mòr do dh'obair-naidheachd.