Duaisean do Chamanachd Leòdhais

Camanachd Leòdhais Image copyright Kenneth Murray
Image caption B' e 2014 an seusan a b' fheàrr a bh' aig na Leòdhasaich gu ruige seo.

Tha Camanachd Leòdhais a' dèanamh gàirdeachais agus sreath de dhuaisean gam buileachadh air a' chluba.

Fhuair an cluicheadair Pòl Duke an duais "Pearsa Spòrs na Bliadhna" aig Comhairle Spòrs Leòdhais is na Hearadh.

Tha an duais seo ga thoirt do neach a chuir gu mòr ris a' chluba agus an spòrs aca ann an Leòdhas is na Hearadh.

Chan e sin e dha na Leòdhasaich ge-tà, oir tha e air tighinn am bàrr cuideachd gum faigh am manaidsear, Iain 'Diablo' Mac na Ceàrdaich, duais "Manaidsear na Bliadhna" san Treas Lìog a Tuath, agus an sgioba fhèin a' faighinn aithne 'son an spiorad anns a bheil iad a' cluich a' gheama.

"Cha robh mi an dùil an duais seo fhaighinn idir. Cha robh fios 'am fiù 's gun robh an t-ainm agam air a chur a-staigh air a shon," thuirt Pòl Duke.

"Sònraichte"

"S e duais gu math sònraichte a th' ann dhomh agus rud math dhan sgioba cuideachd. Tha mi gu math toilichte gu bheil buidhnean a' mothachadh gu bheil an sgioba a' tighinn air adhart.

"Tha e uamhasach math cuideachd iomain a bhith air a chomharrachadh anns na h-Eileanan an Iar am measg nan sgiobaidhean mòra eile," thuirt e.

Tha na duaisean a' tighinn aig deireadh seusan shoirbheachail dha-rìribh dha na Leòdhasaich.

Chrìochnaich iad san dàrna àite ann an Lìog Tuath 3 air a' cheann thall - cho àird 's a bha iad a-riamh - is 'Diablo' gu cinnteach a' coisinn a dhuais fhèin mar mhanaidsear na bliadhna san lìog.

B' e comharra air an adhartas a rinn na h-eileanaich gun do rinn iad an gnothach ann an Siabost air sgiobaidhean cho aithnichte ri Cabair Fèidh is Cill Mhàilidh.

Bidh cuimhne shònraichte air an droinneadh 3-0 a thug iad dha Cabair Fèidh, an sgioba a bhuannaich an lìog air a' cheann thall.

Dùbhlan mòr

'S e an dùbhlan mòr a bhios ann dhan chluba an ath cheum a ghabhail agus farpais a dhèanamh airson an tiotal fhèin.

"Chan eil fhios againn buileach dè an structar lìge a bhios ann an ath-bhliadhna, ach tha fios againn gum feumadh sinn tòrr a bharrachd a dhèanamh," thuirt Pòl Duke.

"Tha fios againn na neartan a th' againn is dè dh'fheumas sinn dèanamh airson a bhith a' cumail a' dol.

"Chan eil e furasta, ach tha sgioba gu math làidir againn agus tha a h-uile duine toilichte anns a' chlub. Tha sinn a' cur fàilte air an dùbhlan a tha romhainn," thuirt e.

Leis an adhartas a rinn iad thuige seo, cò chanadh nach tèid aca air an dùbhlan a tha sin a choileanadh an ceart uair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile