Rannsachadh mu thubaist an Achieve
- Air fhoillseachadh

Chuala Rannsachadh Thubaist Bhàsmhor ann an Steòrnabhagh mar a chaidh am bàt'-iasgach, an Achieve, fodha gu sgiobalta faisg air na Hearadh an-uiridh.
Thuirt an sgiobair, Dòmhnall MacIllinnein, gun do ghabh am bàta car gu deas nuair a bha e a' cur a-mach brath èiginn, 's gun robh aige ris an taigh-chuibhle fhàgail sa bhad.
Chaidh e fhèin agus dithis iasgairean a thogail bho ràth sàbhalaidh mu shia mìle siar air Tarasaigh.
Ach, chaochail fear eile dhiubh, Tormod MacLeòid, ann an Ospadal Steòrnabhaigh nas anmoiche an oidhche sin.
Do-chreidsinneach
Chualar fianais Diciadain bho sgiobair an Achieve, Dòmhnall MacIllinnein.
Thuirt e gun robh e do-chreidsinneach cho luath 's a thàinig cùisean gu ceann.
Nuair a chaidh faighneachd dha Mgr MacIllinnein carson nach robh e air an uidheamachd rèidio DSC a bh' air an rèidio VHF - inneal a tha a' cur a-mach gairm èiginneach 's ag innse càite a bheil am bàta - a chleachdadh, thuirt e gun robh e aig an àm a' smaoineachadh gur e an dòigh a b' fheàrr air e fhèin agus an criubha a shàbhaladh, cobhair fhaighinn bho Mhaoir-chladaich agus bàtaichean-teasairginn.
Thuirt e cuideachd nach robh e den bheachd gun gabhadh an uidheamachd rèidio DSC agus an rèidio VHF a chleachadh aig an aon àm.
Fhad 's a bha e a' cur a-mach gairm èiginneach, ghabh an Achieve car làidir gu deas agus bha aige ri teicheadh on taigh-chuibhle mus deadh a ghlacadh ann.
Clag-rabhaidh
Ged a bha an clag-rabhaidh san deireadh briste, thuirt e gun robh còir aig a' chlag san t-seòmair-einnsein innse ma bha uisge a' tighinn a-steach tron deireadh.
Leis an sin, bha e den bharail gun deach rudeigin bunaiteach ceàrr leis an t-slige a thug air a' bhàta a dhol fodha gu grad.
Chuir Mgr MacIllinnein an ràth sàbhalaidh an sàs, ach bha e ceangailte ris a' bhàta.
Fhuair e air aon den chriubha a thogail agus an ràth a shaoradh bhon bhàta, mus deadh e an sàs anns a' phroipeilear.
Fhuair e air Tormod MacLeòid, a bh' anns an uisge, a shlaodadh air bòrd an ràth sàbhalaidh, ach thug e faisg air leth-uair a' faighinn thuige.
Thog heileacoptair nam Maor-chladaich an triùir, ach chaochail Tormod MacLeòid ann an Ospadal Steòrnabhaigh.
Thèid an còrr den fhianais a chluinntinn air a' 4mh là den Dùbhlachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2014