Mòd Inbhir Nis 2014

Cùirt Eden
Image caption Bidh a' mhòr-chuid de na farpaisean a' tachairt aig Cùirt Eden, shìos air bruach na h-aibhne.

Thòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Seo an 13mh turas a bha am Mòd sa bhaile, ged tha 17 bliadhna ann bhon turas mu dheireadh.

Le barrachd a' dol air iomall a' Mhòid na bh' aig Mòd sam bith a-riamh roimhe, tha ullachadh mòr air a bhith an lùib na fèise.

Cuirm Fhosglaidh

Oidhche Haoine chaidh cùisean a chur air bhog gu h-oifigeil aig a' Chuirm Fhosglaidh, le Cuirm nam Fìdhlear agus Camanachd eadar Inbhir Nis is Both Fhleisginn ann Disathairne.

Bidh a' mhòr-chuid de na farpaisean a' tachairt aig Cùirt Eden, shìos air bruach na h-aibhne, ach tha gu leòr eile air a bhith air a chur air dòigh.

Thuirt Manaidsear Mòid a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach: "Tha sinn gu mòr an urra ris a' chomataidh ionadail a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis fhèin. Tha iad air a bhith ag obair gu math cruaidh thairis air na trì bliadhnaichean a dh'fhalbh.

"Cuideachd, tha sinn gu math an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd.

"Eadar na trì buidhnean a tha sin, tha sinn air tòrr a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean."

Farsaingeachd

Thathas an dùil gur e na th' ann, a thuilleadh air na farpaisean, a bheir air daoine am Mòd seo a chuimhneachadh.

"Tha prògram gu math mòr 's gu math farsaing gu bhith againn, a thaobh an iomaill, thairis air an naoi là a tha romhainn, 's gu dearbha, tha còrr is 100 tachartas gu bhith againn anns a' bhaile tron t-seachdain," thuirt Mgr Greumach.

Bidh luchd-gnìomhachais agus daoine aig a bheil taighean-òsta sa bhaile cuideachd a' cur fàilte air a' Mhòd, nam measg, Murchadh Caimbeul, a tha a' ruith Leabaidh is Bracaist.

"Tha e a' toirt airgead mòr a-steach dhan bhaile aig àm dhen bhliadhna far nach eil 's dòcha cus a' tachairt.

"Tha sinne làn an t-seachdain seo tighinn agus 's e deagh rud a tha sin aig an àm seo den bhliadhna, 's tha mi a' creidsinn gu bheil iomadach àite sa bhaile seo a tha làn agus a tha air a bhith làn o chionn ùine mhòir airson an t-seachdain a tha seo."

Sna bileagan fiosrachaidh mu iomall agus farpaisean a' Mhòid, tha e soilleir gu bheil an t-ullachadh a' fàgail clàr-ama làn dha-rìribh.

Muinntir a' bhaile

Ach, a bheil e air aire mhuinntir Inbhir Nis a ghlacadh?

Thuirt Shona NicIllinnein, a tha na tidsear aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: "Tha eachdraidh gu math làidir aig a' Ghàidhlig ann an Inbhir Nis agus a-nis tha tòrr dhaoine ùra a' tighinn chun na Gàidhlig.

"Tha sinn air fàs fhaicinn anns a' bhun-sgoil agus fiù 's anns an àrd-sgoil."

Anns a' bhaile fhèin, thuirt i gu bheil sanasan agus soidhnichean-rathaid air a dhol suas, ag innse do dhaoine gu bheil am Mòd a' tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile