Iarrtas às ùr 'son bhàta-slaodaidh

Bàta-slaodaidh
Image caption Chaidh am bàta-slaodaidh a bha stèidhichte air a' chosta an iar a tharraing ann an 2012.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle nan Eilean Siar le chèile air iarrtas às ùr a dhèanamh airson 's gum bi bàta-slaodaidh stèidhichte air costa siar na h-Alba.

Thog na h-ùghdarrasan dragh às dèidh do bhàta a bha a' giùlain sgudail rèidio-beò a dhol na theine ann an Linne Mhoireibh.

Tha an MV Parida a-nise aig caladh aig Port Linne Chrombaigh.

Bha Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, mar tha air draghan a thogail mun ghnothach.

A-nise, tha CNES is Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil mar a thachair a' sealltainn cho cudromach 's a tha e gum bi bàta-slaodaidh air a' chosta an iar.

Chaidh am bàta a bh' ann a tharraing ann an 2012 mar phàirt de ghearraidhean Riaghaltas Westminster, a dh'aindeoin iomairt gus a ghlèidheadh.

"Neartachadh"

"Gun teagamh tha sinn a' smaoineachadh gu bheil seo a' neartachadh na h-argamaid againn bhon ged a bha bàta-slaodaidh ann an Arcaibh, is gun robh i air a slighe airson cobhair a dhèanamh air a' bhàta a bha seo, 's e bàta-slaodaidh bho ghnìomhachas na h-ola a thàinig gus cobhair a dhèanamh oirre", thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e comasach sin a dhèanamh air taobh an ear na h-Alba ach chan eil e comasach sin a dhèanamh air taobh an iar.

"Tha na bàtaichean-slaodaidh as fhaisg, tha iad gu math fada deas oirnne agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' cur spionnadh ris an argamaid gum bu chòir bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte anns a' Chuan Sgìth, chan ann a-mhàin airson bàtaichean a tha a' giùlain stuthan niuclasach, ach airson bàta sam bith a th' ann an èiginn sa Chuan Sgìth no a-mach dhan iar air na h-Eileanan", thuirt e.

A rèir Mhgr Dhòmhnallaich, tha e gu h-àraidh cudromach gun tèid rudeign a chur air dòigh is stuth niuclasach gu bhith e air a thoirt aig muir à ceann a tuath na h-Alba sìos gu ruige Sellafield ann an Sasainn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd iomagaineach mun ghnothach.

Sàbhailteachd

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Hamish Friseal, nach e ceist airgid a tha seo ach ceist sàbhailteachd.

"A h-uile trup a tha sinn a' coimhead air sàbhailteachd is dìon, 's e an t-airgead an-còmhnaidh a th' aig cnag na cùise", thuirt e.

"Chan eil guth aig duine sam bith timcheall air na daoine fhèin agus 's e na daoine fhèin a dh'fheumas sinn a dhìon.

"Tha còir aca a bhith a' coimhead air sin is feumaidh iad a bhith a' coimhead air dòighean eile a bhith a' sàbhaladh airgid agus a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil iad a' coimhead às dèidh dìon agus slàinte nan daoine, an àite a bhith a' coimhead air ciamar a shàbhaileas iad airgead", thuirt e.

Tha Ùghdarras an Dì-choimiseanaidh Niuclasaich ag ràdh gur e "cùis mhara seach cùis niuclasach" a bha sna thachair dhan MV Parida.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin, thuirt am Prìomh Mhinistear gun iarr an Riaghaltas barrachd chumhachdan airson dèiligeadh ri suidheachaidhean mar seo.

Thuirt Ailig Salmond gun robh iomagain air gun robh suidheachadh le bàta rèidio-beò gun chumachd sa mhuir is luchd-obrach gan toirt far chlàr-ola ga chlàradh aig ìre ìosal de chunnart.

Bu chòir cumhachd a bhith air Riaghaltas na h-Alba, thuirt e, gus dèiligeadh ri suidheachadh mar seo, agus far am b' urrainn dhaibh, dèanamh cinnteach nach tachradh an leithid anns a' chiad dol a-mach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile