Èireannaich air an sguad ainmeachadh

Alba is Èirinn Image copyright Neil G Paterson
Image caption Chaidh Fionnlagh MacRath à Ceann Loch Seile ainmeachadh mar sgiobair na h-Alba an t-seachdain seo. Tha fios a-nise cò bhios an sgioba na h-Èireann.

Dh'innis an GAA (Cumann Lúchleas Gael) cò na cluicheadairean a bhios a' riochdachadh na h-Èireann anns na geamaichean eadar-nàiseanta am-bliadhna.

Mar as àbhaist, tha a' mhòr-chuid den bhuidhinn a' tighinn à sgiobaidhean nach bi a' farpais aig an ìre as àirde ann an iománaíocht, ged a bhios taic ann dhaibh bho chorra chluicheadair bhon ìre às àirde den spòrs.

Tha dithis dhiubh sin a tha eòlach gu leòr air a' gheama eadar-nàiseanta, Patrick Horgan à Corcaigh is Patrick Maher à Tiobraid Árann, a' tilleadh am-bliadhna.

Bidh dithis eile còmhla riutha 'son a' chiad uair, Conor Lehane à Corcaigh is David McInerney à Contae an Chláir.

Tha iadsan am measg naoidhnear uile gu lèir a tha ann am buidheann na h-Èireann 'son a' chiad uair.

Leudachadh

'S iad na h-Èireannaich a bhuannaich gach bliadhna bho chaidh an geama eadar-nàiseanta a leudachadh gu sreath ann an 2010.

'S ann aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis a bhios a' chiad gheama am-bliadhna, Disathairne an 18mh den Damhair aig 2:00f. Bidh an geama sin ri fhaicinn cuideachd air BBC2 Scotland is TG4.

Bidh an dàrna geama aig Páirc Esler san Iúr ann an Contae an Dúin Disathairne an 25mh den Damhair aig 5:00f is bidh e ri fhaicinn cuideachd air BBC Alba is TG4.

Air an dearbh là sin san Iúr cluichidh boireannaich na h-Alba an aghaidh sgioba thaghte Chontae an Dúin aig 1:00f.

Cluichidh an uair sin na fìr òga às Alba is Èirinn an aghaidh a chèile sa gheama fo 21 aig 3:00f.

Tha buidhnean na h-Èireann mar a leanas:

Eoin Reilly (Laois)

Mickey Burke (An Mhí)

Paul Dermody (Cill Dara)

Paul Divilly (Cill Dara)

John Egan (Ciarraí)

David English (Ceatharlach)

Patrick Horgan (Corcaigh)

Conor Lehane (Corcaigh)

Patrick Maher (Tiobraid Árann)

Conor McCann (Aontroim)

Neal McCauley (Aontroim)

Johnny McCusker (An Dún)

David McInerney (An Clár)

Brian Murphy (Ciarraí)

Shane Nolan (Ciarraí)

Darragh O' Connell (Ciarraí)

Eoin Price (An Iarmhí)

Matthew Whelan (Laois)

David Kettle (Lú)

A' bhuidheann aig ìre fo 21

Paddy McKenna (Cill Dara)

Joseph Boyle (An Iarmhí)

Joe Champion (Laois)

Thomas Casey (Ciarraí)

Evan Dempsey (Cill Dara)

Michael Dudley (Aontroim)

Dean Higgins (Gaillimh)

Gerry Keegan (Cill Dara)

Tony Kelly (An Clár)

Daniel McKernan (Aontroim)

Seanda Morey (An Clár)

Aaron Nuget (Cill Mhantáin)

Niall O' Brien (An Iarmhí)

Brendan O' Leary (Ciarraí)

Stephen Renaghan (Ard Mhacha)

James Toher (An Mhí)

Brett Nicholson (An Dún)

Noel Fallon (Ros Comáin)

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile