Camarathan gu dol air an 28mh
- Published
Thèid camarathan ùra a bhios a' tomhais astair mheadhanaich dhràibhearan air an A9 a chur gu dol air an 28mh den Damhair.
Dhearbh Com-pàirteachas Sàbhailteachd an A9, anns a bheil Poilis Alba agus Còmhdhail Alba nam buill, an ceann-là.
Chaidh camarathan a chur an sàs aig 27 làraichean eadar Inbhir Nis agus Peairt, air cosgais £2.5m.
'S e an A9 fear de na rathaidean as cunnartaiche ann an Alba, le àireimh mhòir de thubaistean gach bliadhna.
Tha buidheann iomairt - A9 Average Speedcameras Are Not The Answer - air a bhith a' cur an aghaidh nan camarathan. Dh'iarr iadsan gun dèanadh rudeigin a dhèanamh mu dhaoine a bhith a' gabhail seachad air carbadan eile gu cunnartach, agus iad ag ràdh gur e sin a tha a' fàgail an rathaid cho cunnartach.
Tòisichidh pròiseact pìleat cuideachd air an 28mh den Damhair a leigeas le làraidhean troma air an A9 a bhith a' siubhail aig 50 mìle san uair air an dearbh earrainn den rathad.
Chaidh camarathan astair mheadhanaich cuideachd a chur an sàs eadar Dùn Bhlathainn agus Peairt.