Cìsean ùra gam foillseachadh
- Air fhoillseachadh

Cha phàigh daoine a cheannaicheas taigh nas saoire na £135,000 ann an Alba cìs sam bith.
Thug Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, an naidheachd seachad agus e a' foillseachadh buidseat na h-Alba airson na bliadhna-iomhais a tha romhainn.
Aig a' cheart àm, thèid cìs 12% a chur air taighean luach còrr is £1m, bhon Ghiblean an ath-bhliadhna, nuair a thèid cur às do Chìs Stampa ann an Alba.
Thuirt Mgr Swinney gun cuidicheadh an gluasad daoine a cheannaicheas dachaighean airson a' chiad turais.
Fo chìs ùr na Malairt Fearainn agus Thogalaichean, dheadh cìs 2% air an earrainn de mhalairt eadar £135,000 agus £250,000, le 10% a' dol air malairtean eadar £250,000 agus £1m.
"Ri linn nan ìrean a dh'fhoillsich mi an-diugh, cha phàigh duine cìs air a' chiad £135,000 de chosgais an taighe aca. Bheirear 5,000 malairtean a bharrachd a-mach à cìs, a' toirt taic do dhaoine a tha a' ceannach dachaigh airson a' chiad turais, agus dhaibhsan a tha a' ceannach dachaigh ann am margaidh nam prìsean reusanta."
Lùghdachadh
Thuirt Mgr Swinney cuideachd gun deadh cìs a lùghdachadh airson 44,000 malairt taighe a bharrachd suas gu £325,000.
Thuirt e gun dèanadh ìre an 12% cinnteach gum pàigheadh na daoine as saibhre san dùthaich an cuibhreann.
'S e seo a' chiad uair a tha Pàrlamaid na h-Alba air cìsean ùra a chruthachadh bho Achd an Aonaidh ann an 1707.
Ann an gnothaichean eile, dh'fhoillsich Mgr Swinney cuideachd gum faiceadh buidseat 2015/16:
- Maoineachadh an NHS air a mheudachadh gu còrr is £12bn
- £4.5bn de dh'in-ionmhas bun-structair airson colaistean ùra, goireasan slàinte agus sgoiltean a thogail. r
- Iomairt in-ionmhais luach còrr is £390m gus 6,000 dachaighean aig prìs reusanta a chruthachadh, agus £125m de thaic a bharrachd do ghnìomhachas an taigheadais.
- Còrr is £300m thairis air dà bhliadhna gus cùram-cloinne a leudachadh gu 600 uairean de thìde do phàistean aois trì is ceithir, agus pàistean aois dhà bhliadhna a tha so-leònte.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2014