Buannachd Ceitidh Mòrag

Ceitidh Morag Image copyright Handout
Image caption Tha e coltach gu bheil Ceitidh Mòrag air Leòdhas a shanasachd fad is farsaing.

Thuirt VisitScotland gun cuir am program telebhisein Ceitidh Mòrag ri turasachd ann an Leòdhas mar a rinn Balamory do Mhuile.

'S ann an Leòdhas a tha am prògram, a tha stèidhichte air na leabhraichean cloinne aig Màiri Hedderwick, ga chlàradh.

Chaidh 26 prògram a chraoladh mar thà air BBC Alba is CBeebies is chaidh cead a thoirt 'son dàrna sreath.

'S e co-obrachadh eadar CBeebies is CBBC a bhios san dàrna sreath, a' chiad turas a tha sin air tachairt.

Mothachail

Thuirt VisitScotland gu bheil iad mothachail mar thà gu bheil cuid a chunnaic Leòdhas sa phrògram air tighinn air saor-làithean dha na h-Eileanan an Iar.

Nam measg, bha Ashley Fenwick, an duine aice Pòl, is an nighean bheag aca, Niamh.

"Tha Niamh cho fìor dheidheil air Ceitidh Mòrag agus tha mi fhìn is Pòl deidheil air saor-làithean air a' bhlàr a-muigh", thuirt Ashley.

"Bha coltas cho brèagha air Leòdhas air an tbh is mar sin chuir sinn romhainn seachdain a chur seachad san eilean.

"Turas teaghlaich"

"S e turas teaghlaich air leth a bh' againn agus bu math leinn tilleadh", thuirt i.

Rinn am prògram cloinne Balamory, a bha air a chlàradh ann an Tobar Mhoire, feum mòr do Mhuile.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach àireamh an luchd-siubhail do Mhuile suas 15% eadar 2005 is 2007, an uair a bha Balamory aig àirde.

Tha rannsachadh a rinn VisitScotland air sealtainn gu bheil 20% de luchd-turais do dh'Alba air tighinn às dèidh dhaibh an dùthaich fhaicinn air an telebhisean no ann am fiolm.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile