Comhairle ghràmair air-loidhne a dhìth

A' Ghàidhlig
Image caption Tha faireachdainn ann nach bu chòir structairean foirmeil a chur an sàs a thaobh chorpas na Gàidhlig.

Bu chòir sgeama pìleat a stèidheachadh a chuireas comhairle air gràmair na Gàidhlig air loidhne, far am faigheadh a h-uile duine cothrom air.

Tha sin am measg nam prìomh mholaidhean aig aithisg a th' air ùr-nochdadh air corpas na Gàidhlig - na tha de ghoireasan sgriobhte is eile sa chànan a ghabhas a chur gu feum.

Chaidh sreath de choinneamhan a chumail air feadh na h-Alba airson an rannsachaidh, agus chaidh an aithisg a stèidheachadh gu mòr air beachdan a fhuaireadh bhon phoball.

Fhuair an aithisg, air a bheil Dlùth Is Inneach, gu bheil miann aig daoine air comhairle shoilleir a tha furasta a lorg.

Acadamaidh

"Bha sinn a' feuchainn ri faighinn a-mach dè na beachdan a th' aig daoine mun Ghàidhlig," thuirt fear de luchd-rannsachaidh na h-aithisg, an t-Àrd-Oll. Wilson MacLeòid.

"Cà bheil i an-diugh 's dè an t-seòrsa Gàidhlig a tha ga cleachdadh le diofar dhaoine, agus dè an t-seòrsa Gàidhlig a bu chòir a bhith air a cleachdadh.

"Dè an t-seòrsa taic a tha a dhìth a thaobh comhairle air gràmar, gnàthasan-cainnte, agus dè th' ann an deagh Ghàidhlig mar gum biodh.

"Dè na structairean a tha a dhìth airson taic a thoirt dhan choimhearsnachd, gun a bhith mar gum biodh a' sparradh Gàidhlig oifigeil air daoine.

"Fhuair sinn a-mach gu bheil daoine a' faireachdainn gu bheil atharrachadh, agus gu ìre crìonadh, air tachairt air a' Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean.

"Gu bheil a' Ghàidhlig aig a' ghinealach as sine - daoine a thogadh anns na 40an, na 50an is mar sin air adhart, gur ann acasan a tha a' Ghàidhlig as fheàrr.

"Agus gu bheil Gàidhlig an fheadhainn as òige, nach eil i cho beartach, nach eil an aon ìre de mhisneachd aig daoine, agus gu bheil iad nas fheumaiche air taic agus comhairle a thaobh cànan beartach agus domhain mar gum biodh," thuirt e.

A rèir Mhgr MhicLeòid, chan eileas den bheachd gu bheil leithid L'Acadamie Francais a dhìth air a' Ghàidhlig, le daoine a' faireachdainn gum biodh sin ro fhoirmeil.

"Bha cuid de dhaoine an-fhoiseil mu dheidhinn structair cho foirmeil sin, agus aig an ìre seo tha sinn a' coimhead ri mar gum biodh seòrsa de phìleat.

"Prògram a mhaireas dà bhliadhna, airson cuid de rudan a thoirt a-mach. Gu h-àraidh bha faireachdainn ann am measg tòrr gu bheil feum ann airson stiùireadh air gràmar. Rudeigin air-loidhne a bheireadh comhairle do dhaoine air cleachdaidhean ceart agus iomchaidh.

"'S dòcha gu bheil am facal "iomchaidh" nas fheàrr na "ceart", oir tha daoine a' faireachdainn mar eisimpleir gu bheil e cudromach aire a thoirt dha na dual-chainntean, gu bheil rudan mar gum biodh iomchaidh ann an cuid de dhual-chainntean seach dual-chainntean eile, agus nach bu chòir dhuinn am beartas sin a chall ann a bhith ag innse gu bheil rudeigin ceart anns a' h-uile suidheachadh.

"Bha faireachdainn an gu bheil briathrachas sònraichte a dhìth ann an cuid de chuspairean, ach nach bu chòir cus cuideim a chur air a bhith a' cruthachadh mu choinneimh a h-uile rud a gheibhear ann an saoghal na Beurla. Nach eil sin na phrìomhachas.

"An rud a tha cudromach, 's e beartas agus mar a tha ann an ainm na h-aithisg "dlùth is inneach" a' chànain a chumail," thuirt e.