Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

UKIP

Tha Pàrtaidh Neo-eisimeileachd na Rìoghachd Aonaichte a' dèanamh gàirdeachais an-diugh às dèidh dhaibh fo-thaghadh Clacton a bhuanachadh. Bha Dùghlas Carsuel, a b' àbhaist a bhith na bhall Tòraidheach, còrr is 12,000 air thoiseach air an t-seann phàrtaidh aige anns an roinn-taghaidh ann an Essex. Rinn UKIP adhartas cuideachd ann an sgìre Mhanchester, far an robh iad dìreach 600 bhòtaichean air dheireadh air a' Phàrtaidh Làbarach ann am fo-thaghadh Haywood agus Middleton.

Coimisean Mhic a' Ghobhainn

Cuiridh prìomh phàrtaidhean poileataigeach na h-Alba na tagraidhean aca air adhart gu Coimisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn an-diugh, 's iad a' sireadh tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba. Tha dùil gum bi gach pàrtaidh ag iarraidh ìrean eadar-dhealaichte de chumhachd air rudan mar a bhith a' stèidheachadh chìsean, a' cruthachadh obraichean, agus sochairean sòisealta.

Duais Sìthe Nobel

Tha Duais Sìthe Nobel na bliadhna seo ga roinn eadar dithis bhoireannach. Thuirt Comataidh Nobel gun tèid an duais gu Malala Yousafzai, an nighean-sgoile à Pagastan a theab a beatha a chall nuair a dh'fheuch na Taliban ri a murt airson a bhith a' brosnachadh foghlaim airson chlann-nighean, agus Kailash Satyarthi, a tha ag iomairt airson chòirichean chloinne anns na h-Ìnnseachan.

Ebola

Bu chòir gun tèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh an-diugh mu na deuchainnean slàinte a thèid a dhèanamh air luchd-siubhail a tha a' tighinn a Bhreatainn à dùthchannan far a bheil Ebola air a dhol na phlàigh. Thèid na deuchainnean ùra a chur an sàs aig puirt-adhair Heathrow agus Gatwick, agus cuideachd aig stèisean rèile St Pancras ann an Lunnainn, ceann-siubhail na seirbheis rèile Eurostar.

Crainn-ghaoithe

Tha mì-thoileachas ann an Uibhist às dèidh do Riaghaltas na h-Alba cead a dhiùltadh do chòig crainn-ghaoithe a bha san amharc airson na sgìre. Dh'aontaich Neach-aithris an Riaghaltais ri draghan Mhinistreachd an Dìon gun cuireadh na crainn ann an Uibhist a Deas, Beinn nam Fadhla, agus Uibhist a Tuath maill air siostaman radar aig Raon Rocaidean nan Eilean Siar. Chuir an Comhairliche Uibhisteach Uisdean Robasdan às leth an Riaghaltais gu bheil iad a' cur bacadh air leasachaidhean ionadail aig a' cheart àm 's a tha iad "a' dannsadh ri ceòl an MoD".

Cosla

Tha Comhairle Inbhir Chluaidh air a dhol air ais air co-dhùnadh Cosla fhàgail. Dh'innis a' Chomhairle do Chaidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail anns a' Ghearran gun leigeadh iad dhiubh am ballrachd ann an 2015. Tha comhairlichean a-niste air co-dhùnadh gum fan iad anns a' bhuidhinn às dèidh do Chosla bun-reachd ùr fhoillseachadh a tha ga dhèanamh follaiseach gu bheil buill na buidhne uile co-ionnan.

Am Mòd

Agus tòisichidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis a-nochd fhathast. Le còrr is 3,000 farpaiseach a' gabhail pàirt ann an 200 farpais, agus còrr is 100 tachartas a' gabhail àite air iomall a' Mhòid, tha luchd-stiùiridh a' gealltainn gur e seo am Mòd as motha riamh.