Spreadhadh gas ann am Bràgar
- Air fhoillseachadh
Chaidh aon duine a thoirt dhan ospadal às dèidh spreadhadh gas ann an taigh ann am Bràgar bho Thuath ann an Leòdhas.
Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun taighe beagan ro shia uairean feasgar na Sàbaid, 's aithris ann mu theine.
Fhuair an luchd-smàlaidh, a thàinig à Nis agus à Steòrnabhagh, gur e aodion gas ann an cucar a dh'adhbhraich spreadhadh agus teine anns a' chidsin.
Chaidh seann duine a dhroch losgadh mu aodann, mu cheann agus mu làmhan.
Chaidh a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.