BPA Gàidhealach air gluasad gu na h-Uainich
- Air fhoillseachadh

Tha am Ball-Pàrlamaid Albannach Gàidhealach, Iain Finnie, a bha roimhe na bhall dhan SNP, ag ràdh gu bheil e an dòchas seasamh dhan Phàrtaidh Uaine anns an ath-thaghadh ann an 2016.
Chaidh Iain Finnie a thaghadh mar Bhall-Pàrlamaid Albannach ann an 2011, air liosta na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig an SNP.
Dh'fhàg e an SNP ann an 2012 ge-tà, air sgàth seasamh a' phàrtaidh air ballrachd Alba neo-eisimeilich ann an NATO.
Tha e air a bhith a' seasamh mar bhall neo-eisimeileach ann am Pàrlamaid na h-Alba bhon uair sin.
Am Pàrtaidh Uaine
Dhearbh e aig co-labhairt Phàrtaidh Uaine na h-Alba aig an deireadh-sheachdain gu bheil e a-nis a' cur taic ris a' phàrtaidh sin.
Cumaidh e air mar bhall neo-eisimeileach ann an Holyrood chun an ath-thaghaidh.
Tha leudachadh mòr air tighinn air ballrachd Phàrtaidh Uaine na h-Alba bho bhòt muinntir na h-Alba an aghaidh neo-eisimeileachd bho chionn mìos.
Bha na h-Uainich am measg na bha ag iomairt airson neo-eisimeileachd.